Iomairt a' leantainn 'son fear-turais Gearmailteach a tha a dhìth ann an Leòdhas

  • 2 An Lùnasdal 2017
Torsten Kulke Image copyright Poilis Alba
Image caption Chaidh Mgr Kulke fhaicinn mu dheireadh Dihaoine, an 28mh là den Iuchar.

Tha an iomairt gus lorg fhaighinn air fear as a' Ghearmailt a tha a dhìth anns na h-Eileanan an Iar a' leantainn.

Chunnacas Torsten Kulke, a tha 48, mu dheireadh faisg air Àird Ùige mu 6:00f Dihaoine seo chaidh.

Chaidh iomairt teasairginn a chur air bhonn anns a bheil na Poilis, seirbheis nam Maor-Cladaich agus seirbheis teasairginn nam beann an sàs.

Tha e 6' 3" de dh'àirde agus, nuair a chunnacas mu dheireadh e, bha geansaidh gheal air, briogais khaki, botannan troma coiseachd, agus bha màilleid ri a dhruim.

Thuirt na Poilis gu bheil iad a' sìor fhàs draghail mu dheidhinn.

Tha iad ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn fònadh thuca air an àireamh fòn 101.