Barrachd sheòlaidhean air slighe Steòrnabhaigh

  • 1 An Lùnasdal 2017
An MV Loch Seaforth
Image caption Bidh an t-aiseag a' fàgail Steòrnabhaigh anmoch oidhche Shathairne.

Cuiridh Caledonian Mac a' Bhriuthainn barrachd sheòlaidhean air dòigh air an t-slighe eadar Ulapul agus Steòrnabhagh air a' mhìos seo air sgàth 's na tha de dhaoine ag iarradh siubhail.

Bidh seirbheis a bharrachd ann, anmoch air an oidhche, Disathairne, an 5mh, an 12mh agus an 19mh là den Lùnastal.

Bidh an t-aiseag a' fàgail Steòrnabhaigh aig 10:00f, agus a' tilleadh à Ulapul aig 00:45m.

Tha rabhadh ga thoirt do luchd-siubhail ge-tà, nach bi bus a' coinneachadh an aiseig ann an Ulapul.

Thuirt CalMac gun dèan iad measadh air an t-seirbheis ùir feuch dè cho math 's a dh'obraicheas i.

"Ceum air adhart"

Thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil tuilleadh sheirbheisean a dhìth, ach gur e ceum air adhart a tha seo.

"Tha mi a' smaoineachadh, le seo a dhèanamh, gu bheil iad ag aideachadh gu bheil trioblaid ann".

Thog e cuideachd air cho anmoch air an oidhche 's a tha na seòlaidhean seo gu bhith, ged a thuirt e gu bheil aiseag anmoch a-mach à Loch nam Madadh oidhche Haoine air obrachadh glè mhath as t-Samhradh.

Thuirt e gum feumar sùil a chumail air an t-suidheachadh feuch dè eile a ghabhas dèanamh airson faochadh a thoirt dha luchd-siubhail air slighe Steòrnabhaigh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile