Adhartas ann an seirbheisean cùraim chloinne

  • 1 An Lùnasdal 2017
Steòrnabhagh

Thuirt luchd-sgrùdaidh gun deach adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a' leasachadh sheirbheisean do chloinn agus òigridh sna h-Eileanan Siar.

Seo an dèidh do dhraghan a bhith air an togail ann an rannsachadh a rinnear an dèidh dhan deugaire Liam Aitchison a bhith air a mhurt ann an Steòrnabhagh ann an 2011.

Chaidh grunn atharrachaidhean a dhèanamh sna seirbheisean sna h-Eileanan an Iar an dèidh do Liam a bhith air a mharbhadh ann an oidhirp barrachd dìon a thoirt do dh'òigridh so-leònta.

An-uiridh chur Buidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim grunn mholaidhean air adhart airson tuilleadh leasachaidhean a dhèanamh sna seirbheisean.

Tha iad ag ràdh gu bheil e a-nis nas fhasa do luchd-proifeiseanta agus teaghlaichean fiosrachadh fhaighinn mu na seirbheisean a tha rim faotainn agus gun deach adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a' co-obrachadh aig a h-uile ìre eadar diofar bhuidhnean.

Thuirt iad cuideachd gu bheil measgachadh nas fheàrr ann de sheirbheisean coitcheann, agus feadhainn a tha ag amas air suidheachaidhean sònraichte.