Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Lùnasdal 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

British Gas

Thuirt an riaghaltas gu bheil dragh orra mu cho-dhunadh British Gas 12.5% a chur ri prìs an dealain aca bhon ath mhìos. Thuirt te-labhairt dhan riaghaltas gur ann air an fheadhainn 's miosa dheth 's motha a bheir seo buaidh. Thuirt Centrica, dha'm boin British Gas, gur e cosgaisean lìbhrigidh agus polasaidh an riaghaltais 's coireach. Thuirt na Labaraich gur e àrdachadh fìor mhor a th'ann.

Forum eadar-lìn

Iarraidh Rùnaire na Dùthcha, Amber Rudd, air feadhainn de na companaidhean teicneolais 's motha air an t-saoghal barrachd a dhèanamh 'son stuth co-cheangailte ri ceannairc a thoirt far na h-eadar-lion. Tha ise aig co-labhairt ann an San Francisco còmhla ri buidhnean mar Facebook, Twitter agus Google.

BP

Dh'èirich luach earrainnean ann am BP 2% 'sa mhadainn an dèidh dhan chompanaidh ola innse gun do thill iad gu prothaid. Bha prothaid de 1.2 billean not aca air a' chiad leth den bhliadhna seo, an dèidh call de 1.5 billion not aig an aon àm an-uiridh.

Seirbheisean adhair

Tha ball Arcaibh ann am Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh gealltanas bho Riaghaltas na h-Alba mu sheirbhisean adhair nan eilean. Tha na h-uimhir de dhragh ann mu de thachras nuair a thòisicheas farpais eadar Flybe agus Loganair an ceann mìos agus tha am ball pàrlamaid Liam MacArtair ag iarraidh gealltanas nach tig droch bhuaidh sam bith as.

Binn

Thòisich conaltradh poblach air an dòigh sam bheil britheamhan agus siorraidh a' cur binn sìos anns na cùirtean. Tha seo aig aon àm 's tha Comhairle Breithneachaidh na h-Alba a' foillseachadh mholaidhean ùra 'son cùisean a dhèanamh nas fhasa do bhritheamhan. Thuirt a' chomhairle gu bheil iad ag amas air gum bidh co-dhunaidhean cùirte cothromach agus reusanta.

Cathain

Tha dragh ann an Uibhist a Tuath nach bi sgeul air croitearachd sa sgìre an taobh a-staigh deich bliadhna le buaidh nan cathan agus e coltach gu bheil na h-àireamhan air èirigh bho mhìle gu còig mìle. Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Ùisdean Robasdan, a tha na chathraiche air Comataidh na Croitearachd aig Comhairle nan Eilean Siar, am measg na tha a' ràdh ma sguireas croitearachd gun toir sin droch bhuaidh air làrach ghlèidhteachais Bhaile Raghnaill a tha ainmeil airson eunlaith air feadh an t-saoghail.