Duilgheadasan trafaig aiseag Steòrnabhaigh

  • 1 An Lùnasdal 2017
An Loch Shìophort

Tha Ùghdarras Port Steòrnabhaigh a' dol a dh'obrachadh còmhla ri CalMac agus Comhairle nan Eilean Siar airson an dòigh sa bheil carbadan a' feitheamh ri faighinn air a' bhàt-aiseig atharrachadh.

Tha tòrr ghearainean air a bhith ann gu bheil carbadan a' taomadh a-mach air na sràidean agus a' cur maill air luchd-cleachdaidh nan rathaidean.

Ach 's dòcha gum bi freagairt ann ron Earrach.

Chaidh àite-parcaidh nan carbadan aig a' chidhe a leudachadh nuair a thòisich an MV Lòch Shiophort air an t-seirbheis ann an 2015.

Thuirt cathraiche an ùghdarrais, Murchadh Moireach, gun deach a dhealbh ann an dòigh a bhathas den bheachd a dh'obraicheadh ach gun robh rudan ann a bha a' ciallachadh nach do shoirbhich e cho math sa bhathas an dòchas.

"Tha barrachd trafaig ann gun teagamh sam bith, ach a bharrachd air a sin chan eil an 'layout' cho math 's a mhiannaicheadh sinn agus thathas a' miannachadh a-nis beagan atharrachaidh a dhèanamh ris a sin, agus a bharrachd air a sin tha sinn ag obair còmhla ris a' Chomhairle agus CalMac airson leasachaidhean a dhèanamh," thuirt e.

Èifeachdas

Tha Mgr Moireach an dòchas gun tèid na leasachaidhean a dhèanamh thairis air a' Gheamhradh.

Tha e ag ràdh nach e aon rud a-mhàin a tha ag adhbhrachadh an duilgheadais, ach grunn rudan agus le sin tha diofar rudan ann a dh'fheumas a bhith air a dhèanamh airson a chur ceart.

"Ghabhaidh am muir a shioftadh na h-uiread. A bharrachd air a sin thathas a' coimhead ri dòighean air dèanamh cinnteach gu bheil an rud nas èifeachdaiche nuair a thathas a' gabhail nan tiocaidean agus tha CalMac a' coimhead ri sin," thuirt e.

Thuirt Mgr Moireach gu bheil iad fhathast ag obrachadh a-mach dè a chosgas an obair ach gun robh iad an dòchas gum faigheadh iad beagan taic bho Transport Scotland 'son na leasachaidhean a chur an sàs.

Tha e cuideachd ag ràdh gum biodh e na chuideachadh nan nochdadh daoine airson a' bhàt-aiseig beagan nas tràithe, an àite a bhith a' tighinn aig an aon àm agus a' cur uallaich orrasan a tha a' gabhail nan tiocaidean.