"Cha mhair croitearachd deich bliadhna"

  • 1 An Lùnasdal 2017
Cathain Image copyright Getty Images

Tha dragh ann an Uibhist a Tuath nach bi sgeul air croitearachd san sgìre an ceann deich bliadhna le buaidh nan cathan.

Ged a tha na geòidh ghlasa nan trioblaid, tha a' chùis gu math nas miosa leis na cathain, tha croitearan ag ràdh, 's na h-àireamhan air èirigh bho 1,000 gu 5,000.

Agus ma sguireas croitearachd tha beachd ann gun toir sin droch bhuaidh air làrach ghlèidhteachais Bhaile Raghnail a tha ainmeil air feadh an t-saoghail airson na th' ann de dh'eòin.

Tha barrachd dìon air na cathain na th' air na geòidh ghlasa.

Spadadh

Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Uisdean Robasdan, na chathraiche air Comataidh na Croitearachd aig Comhairle nan Eilean Siar.

"Tha duilgheadasan air a bhith againn bho chionn 30 bliadhna, dh'fhaodadh tu a ràdh, leis na geòidh ghlasa," thuirt e.

"Ach an duilgheadas a th' air tighinn a-steach a dh'Uibhist a Tuath o chionn dhà no trì bliadhnaichean, agus a tha a' leudachadh gu mòr, 's e na cathain.

"Bhathar ag ràdh gun robh suas ri 5,000 ann am-bliadhna, agus tha iad sin a' dèanamh sgrios cus nas miosa air an talamh na tha an gèadh glas fhèin.

"Tha iad a' falbh mar gum biodh nam platùn air an talamh, dìreach oir ri oir, agus tha an t-àite dìreach dubh an dèidh dhaibh a bhith ann, 's tha iad a' salachadh an àite cuideachd.

"Mar a tha an gèadh glas, chan eil iad ach a' falbh air feadh an àite, chan eil iad ga sgrios air an aon dòigh, ged a tha iad a' dèanamh milleadh gu leòr.

"O chionn bhliadhnaichean air ais bhiodh 's dòcha beagan is mìle ann, agus sin an àireamh a chaidh a chur air adhart a bha 's dòcha cofhurtail dhan àite fhèin.

"Tha e aig ìre 's gum feum croitearan a dhà uimhir de shìol a chur a-mach nuair a tha iad a' dèanamh treabhaidh, agus tha cosgaisean mòra na lùib.

"Mar a bha mi ag ràdh bha 5,000 againn an Uibhist a Tuath air a' gheamhradh a bha seo, agus thugadh cead suas ri 80 a mharbhadh no rudeigin mar sin. Fhuair iad cead o SNH airson sin.

"Chan eil sin ach magaireachd. Beagan eun an sin an lùib 5,000, chan eil e a' dèanamh diofar sam bith aig deireadh an là.

"Bha croitearan ag iarraidh cead cus a bharrachd a mharbhadh, ach cha d' fhuair iad cead.

Fàsach

"Tha sinn seachd searbh o chionn bhliadhnaichean a' bruidhinn mun àrainneachd an seo.

"'S e na ginealaichean 's na croitearan a bh' ann o chionn iomadh bliadhna a dh'fhàg an àrainneachd mar a tha e.

"Agus tha buaidh mhòr aig na geòidh a-niste air an eunlaith as lugha.

"Eòin mar a' ghealag bhuachair fhèin - cha mhòr gu bheil gin air fhàgail, agus tha daoine ag ràdh gu bheil buaidh nan gèadh air na h-eòin eile uabhasach cuideachd.

"Bha coinneamh againn ri Alasdair Allan (BPA nan Eilean Siar) o chionn grunn sheachdainnean air ais, 's tha mi a' smaoineachadh gun do thuig e fhèin na duilgheadasan a bh' ann.

"Agus bha na croitearan ag ràdh, an ceann deich bliadhna eile nach bi croitearachd ann air a' mhachaire.

"Tha sin a' ciallachadh nach bi agad ach seòrsa de dh'fhàsaich air a' mhachaire fhèin mura bi na croitearan ga obrachadh.

"Dè 's t-fhiach àite glèidhteachais an uair sin?" thuirt e.