Rèite riaghaltais ga h-iarraidh

  • 1 An Lùnasdal 2017
Plèana Flybe

Tha BPA Arcaibh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs anns a' mhì-chinnt mu sheirbheisean adhair nan eilean.

Tha na h-uimhir de dhragh ann mu na thachras nuair a thòisicheas farpais eadar Flybe agus Loganair an ceann mìos, agus tha tha Liam MacArtair ag iarraidh gealltanais nach tig droch bhuaidh sam bith às.

Bha Loganair ann an compàirteachas le Flybe thuige seo, ach thig sin gu crìch an ceann mìos, leis an dà chompanaidh gu bhith a' farpais ri chèile air slighean eileanach.

Thàinig sin às dèidh crathaidh taobh a-staigh na companaidh, agus tòrr ghearainnean am measg an luchd-siubhail a thaobh mar a bhathas a' ruith nan seirbheisean.

Bidh Flybe a' dol ann an compàirteachas le Eastern Airways airson farpais ri Loganair, 's iad ag amas air na seirbheisean eadar na h-eileanan agus Glaschu, Dùn Èideann is Obar Dheathain.

Tha dùil gum fàg sin gum bi strì ann a thaobh phrìsean, agus gum bi taghadh eadar diofar sheirbheisean don luchd-siubhail.

Chan eil farpais gu bhith ann air na seirbheisean eadar-eileanach ge-tà, gun ach Loganair fhèin gan ruith.

Tha mì-chinnt ann mu phrìsean nan seirbheisean sin, agus ceist ann an àrdaich Loganair na prìsean airson cosgaisean na farpais aca ri Flybe a phàigheadh.

Tha ceist ann cuideachd mu na thachras do dhaoine a dh'fheumas a dhol bho sheirbheis Loganair gu seirbheis eile a tha Flybe a' ruith, agus a' bhuaidh a bhios ann air làimhseachadh bhagannan is eile.

A thuilleadh air sin tha ceist ann mu co-dhiù tha luchd-siubhail gu leòr air na seirbheisean eileanach airson farpais a chumail a' dol.

Tha Liam MacArtair BPA air bruidhinn ri riochdairean bho Loganair agus bho Flybe, ag iarraidh orra aonta a dhèanamh co-dhiù a thaobh bhagannan is ticeadan, ach cha d' fhuair e gealltanas sam bith bho na companaidhean.

Tha e a-niste ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba a' chùis a ghabhail os làimh, agus dragh air gur dòcha gun sguir cuid de na seirbheisean beaga uile gu lèir, airson cosgaisean nan seirbheisean mòra a thoirt a-nuas.