Turas nan òrain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Turas timcheall Ghlaschu le òran is eachdraidh nan Gàidheal ga thaisbeanadh

31 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig òrain agus eachdraidh Ghàidheil Ghlaschu beò feasgar an-dè, le tachartas ceòlmhòr a ghabh turas mu thimcheall meadhan a' bhaile.

Chruinnich mu dhà fhichead duine ann an Ceàrnag Sheòrais, mus deach iad air turas tron sgìre ann an cuideachd an t-seinneadair Mairi Anna NicUalraig agus cleasaichean is luchd-ciuil Gàidhlig eile.

Chaidh an tachartas a chur air dòigh leis a' bhuidheann "Glaschu Beò" mar phàirt de dh'fhèis Baile nam Marsantan.

Thathas a-nis ag amas air barrachd dhiubh a chumail san àm ri teachd.

Bha am fear-naidheachd againn Ruairidh MacIomhair an làthair.