Uan air a shàbhaladh le Sgioba Teasairginn Bheanntan

  • 1 An Lùnasdal 2017
Sgioba teasairginn Image copyright Hebrides Mountain Rescue
Image caption Dh'iarr an SSPCA air Sgioba Teasairginn Bheanntan nan Eilean an t-uan a thogal far nan creagan sna Hearadh.

Chaidh iarraidh air Sgioba Teasairginn Bheanntan nan Eilean leis an SSPCA cobhair a dhèanamh air uan a bha glaicte air na creagan sna Hearadh.

Bha an t-uan air a bhith ann 'son beagan làithean agus cha robh dùil gum b' urrainn dha tilleadh gu sàbhailteachd.

Uan Image copyright Hebrides Mountain Rescue
Image caption Bha an t-uan air a bhith glaiste air na creagan 'son grunn làithean.

Chuir an sgioba teasairginn ropannan agus uidheamachd shònraichte eile air dòigh airson ball den sgioba a chur a-nuas.

Sgioba teasairginn Image copyright Hebrides Mountain Rescue
Image caption Chuir an sgioba ropannan agus uidheamachd shònraichte an sàs.
Sgioba teasairginn Image copyright Hebrides Mountain Rescue
Sgioba teasairginn Image copyright Hebrides Mountain Rescue

Thog iad an t-uan agus thug iad air ais e dhan chroitear, a dhearbh gun robh am beathach slàn, falain.

Thuirt an sgioba gu bheil iad deònach daoine a chuideachadh ann an suidheachaidhean den t-seòrsa seo.

A bharrachd air na beathaichean fhèin a shàbhaladh, tha iad ag ràdh gu bheil seo a' cur stad air daoine nach eil ullaichte 'son obair den t-seòrsa seo fheuchainn, 's cunnart ann gum faodaidh iadsan faighinn ann an duilgheadasan.

Uan Image copyright Hebrides Mountain Rescue
Image caption Chaidh an t-uan a thilleadh dhan chroitear.

Còraichean nan dealbhan uile glèidhte.