Iarrtas 'son casg air spadadh nan gearran-bàna

  • 31 An t-Iuchar 2017
Gearr-bhàn Image copyright SPL
Image caption Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil e cudromach gun tèid smachd a chumail air na h-àireamhan de ghearran-bàna.

Tha buidheann-chathrannais a tha a' dìon bheathaichean ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba casg a chur air a' ghearr-bhàn a spadadh air mòintichean seilge.

Bidh uachdarain a' dol an sàs ann an obair spadaidh bho thoiseach an Lùnastail, 's iad ag ràdh gu bheil e riatanach gus cearcan fraoich is eile a dhìon bho thinneasan.

Tha a' bhuidheann OneKind ag ràdh gu bheil mu 40% de na gearran-bàna gam marbhadh 'son spòrs, agus mu 50% mar phàirt de dh'iomairt spadaidh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum feumar smachd a chumail air na h-àireamhan ach nach ceadachadh iad iomairtean mòra spadaidh.

Anns an aithisg aca, tha OneKind a' toirt fiosrachaidh mionaidich seachad mu thrì iomairtean spadaidh - a' dhà dhiubh a chaidh a chumail air oighreachd Bhaile Mhorail an-uiridh.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil co-dhìu 25 oighreachdan seilge ann an Alba a' tabhann chothroman loisgeadh air na gearran-bàna 'son spòrs.

Tha ath-sgrùdadh ga chur air dòigh an-dràsta 'son rannsachadh a dhèanamh air seasmhachd nan oighreachdan seilge, agus an lùib sin thèid sùil a thoirt air spadadh nan gearran-bàna.

A-rèir na buidhne, tha eadar 175,000 agus 500,000 gearran-bàna ann an Alba.

Agus tha Urras Fiadh-bheatha na h-Alba gan comharrachadh mar ghnè a tha a' faighinn prìomhachais, 's iad ag ràdh gu bheil iad cudromach a-thaobh bith-iomadachd.

Dìon

Thuirt stiùiriche OneKind, Harry Huyton, gu bheil a' ghearr-bhàn ainmeil ann an Alba agus bu choir an dìon.

Thuirt e: "Tha an aithisg againn a' sealltainn, an àite sin, gu bheil iad gam marbhadh ann an àireamhan mòra 'son fealla-dhà.

"Air an là mus tòisich an seusan, tha OneKind ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs gu cabhagach agus casg a chur air iomairtean mòra seilge agus iomairtean spadaidh.

Tha buidhnean a leithid Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air iarraidh air daoine a bhith ciallach mu iomairtean spadaidh.

Ach tha uachdarain air a bhith ag ràdh fad ùine mhòr nach rachadh iad an sàs ann an obair spadaidh ach nuair a tha àireamh nan gearran-bàna àrd.

Thuirt neach-labhairt 'son Riaghaltas na h-Alba: "Tha sinn air a bhith gu math soilleir nach gabh sinn ri iomairtean mòra gus gearran-bàna a spadadh, ach gu bheil sinn ag aithneachadh gum feumar smachd a chumail air na h-àireamhan ann an suidheachaidhean àraid.

"Tha Rùnaire na h-Àrainneachd, Rosanna Choineagan mar-thà air fhoillseachadh gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' cur buidheann neo-eisimeileach air dòigh gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a thathar a' cur oighreachdan seilge gu feum, agus gu bheil spadadh nan gearran-bàna mar phàirt den obair aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile