Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cogadh Iorac

Chuir an Àrd-Chùirt stad air oidhirp a rinn fear a bha os cionn Arm Iorac 's a bha am beachd casaidean prìobhaideach a thogail an aghaidh Thony Blair. Tha an Seanalair Abdul Wahed Shannan Al Rabbat, a' fàgail air Tony Blair, fhad 's a bha e na Phrìomhaire, gun do rinn e eucoir le dhol gu cogadh ann an Iorac ann an 2003 airson faighinn cuidhteas Sadam Hussein.

Brexit

Chaidh Rùnaire Slàinte na Rìoghachd Aonaichte, Jeremy Hunt, às àicheadh gu bheil Brexit a' dèanamh sgaraidhean anns a' Chaibineat. Thàinig e am follais nas tràithe an-diugh gun tuirt an Seansalair, Philip Hammond, ann an agallamh le pàipear-naidheachd anns an Fhraing, nach bi Breatainn a' gearradh chìsean agus riaghailtean airson buannachd fhaighinn air dùthchannan Eòrpach eile an dèidh Brexit. Tha sin ao-coltach ris na thuirt e nas tràithe am-bliadhna ri pàipear-naidheachd anns a' Ghearmailt.

Kabul

Thuirt buidheann na Stàite Ioslamaich gur iad a bh' air cùlaibh ionnsaigh fèin-mhairbhtich aig Ambasaid Iorac ann anns a' phrìomh bhaile ann an Afganastan, Kabul. Cha do dh'innis iad an robh call beatha ann. Tha aithrisean ann gun do thòisich losgadh le gunnaichean goirid an dèidh na h-ionnsaigh.

Buill-Phàrlamaid

Tha e air tighinn am follais gu bheil an còigeamh cuid de Bhuill-Phàrlamaid a' cosg airgid phoblaich a' toirt cosnadh dhan càirdean fhèin, ged a tha casg air sin do Bhuill ùra anns a' Phàrlamaid. Tha luchd-iomairt ag ràdh gum feumar ceann-là ainmeachadh air am feum a h-uile Ball-Pàrlamaid sguir den chleachdadh sin.

Dàibhearan

Tha rannsachadh a' dol air adhart mu bhàs dithis dhàibhearan far Bharraigh Disathairne. Chaochail Iain MacDhùbhghaill, a bha 39 bliadhna de dh'aois, agus bhuineadh do Bharraigh, agus caraid dha, Ryan McGuckin, a bha 39 bliadhna de dh'aois agus a bhuineadh dhan Eaglais Bhric, ach a bha a' fuireach ann an Lunnainn. Thèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Cìs-turasachd

Tha feadhainn a tha an sàs anns a' ghnìomhachas ag ràdh gum bu chòir cìs a chur air luchd-turais dhan Eilean Sgitheanach. Tha beachd ann gun gabhadh a' chìs togail air drochaid an eilein. Tha am moladh a' tighinn bho na h-uimhir de luchd-gnìomhachais, gu h-àraidh bho fheadhainn a-muigh air an dùthaich a tha ag ràdh gu bheil iad a' faicinn na droch bhuaidhe a tha àireamhan mòra de luchd-turais - agus cion ghoireasan dhaibh - a' toirt air an àrainneachd.