Cìs às ùr air Drochaid an Eilein?

  • 31 An t-Iuchar 2017
Bionaichean Sgudail

Tha moladh ann gum bu chòir cìs a stèidheachadh air luchd-turais dhan Eilean Sgitheanach, far a bheil mòran a' gearain air dìth ghoireasan mu choinneimh na th' ann de luchd-turais.

Tha beachd ann gun gabhadh a' chìs togail air Drochaid an Eilein.

'S ann bho na h-uimhir de luchd-gnothachais a tha am moladh a' tighinn, gu h-àraid bho fheadhainn a-muigh air an dùthaich a tha a' faicinn buaidh luchd-turais, agus buaidh cion ghoireasan dhaibh, air an àrainneachd.

Bidh Roger Booth a' ruith bhana teatha air a' Chuith Fhraing ann an Tròndarnais, agus tha aige ri gach là obrach a thòiseachadh a' dol timcheall a' togail sgudail a tha luchd-turais air fàgail às an dèidh.

Salchair

"Tha salchair mhic an duine air a bhith ann roimhe a b' fheudar dhuinn faighinn cuidhteas e," thuirt e.

"Tha sin goireiseachail dha-rìribh.

"Tha mise air a bhith a' fuireach an seo deich bliadhna, agus tha co-fhaireachdainn agam dha-rìribh ri muinntir an àite. 'S e trioblaid mhòr dha-rìribh a th' ann," thuirt e.

Le bòidhchead an Eilein Sgitheanaich a' tàladh barrachd is barrachd luchd-turais a h-uile bliadhna, tha teannachd aig daoine air fuasgladh fhaighinn air mar a ghabhas leasachadh a dhèanamh air an àite gach cuid do luchd-turais agus dha na Sgitheanaich fhèin.

Tha Roger agus gu leòr dhaoine eile a-nis ag iarraidh gum bi aig daoine a tha a' tadhal air an Eilean ri cìs a phàigheadh.

"Tha gu leòr de dhràibhearan nan coidsichean mòra a bhios a' tighinn an seo airson là air aideachadh nach bi iad ach a' tighinn an seo airson là," thuirt Roger.

"Cha tèid dad a chosg san Eilean, agus togaidh iad orra gu Tìr-Mòr.

"Tha iad fhèin air a ràdh riumsa gum bu chòir gum bi cìs-turasachd ann. Fiù 's £1 an duine aig an drochaid.

"Nam b' e £1 an duine a bhiodh ann, tha mi cinnteach nach biodh daoine ceart idir a' gearain.

"Agus dheadh a chur an sàs ann an eaconamaidh an eilein gus an trioblaid a tha seo a rèiteachadh - taighean-beaga nas fheàrr, goireasan sgudail nas fheàrr, goireasan parcaidh nas fheàrr, rathaidean nas fheàrr," thuirt e.

Bionaichean

Chan e a' Chuith Fhraing an aon àite a tha a' fulang le daoine a bhith a' fàgail sgudail às an dèidh ge-tà.

Bidh Caroline Ros a' ruith bhana-bìdhe aig Creig an Fhèidhlidh, ann an Tròndarnais.

"Tha trioblaidean againn, ach 's iad luchd nam bhanaichean-campachaidh, dha-rìribh, 's iad a' cur bhagaichean mòra dìreach ri taobh a' bhiona," thuirt i.

"Bidh am biona loma-làn, agus tha iad dìreach a' cur a h-uile càil ri thaobh.

"An uair sin nuair a tha gaoth ann tha e dìreach a' dol a h-uile àite.

£2?

"Tha e a' dol dhan mhuir. Tha mi ga fhaicinn gach là.

"Uaireannan tha aodach ann, agus chan eil fhios agad dè th' air an aodach!"

Tha Caroline a' moladh cìs £2 an càr.

"Dè th' ann an £2? Bidh sin a' toirt airgid dhan Eilean," thuirt i.

Tha grunn dùthchannan air feadh na Roinn Eòrpa a-nis a' cur chìsean-turasachd air daoine a tha a' tadhal air ceàrnaidhean sònraichte.

Bidh cìs €2 gach là a' dol air a h-uile duine - clann is inbhich - a tha a' tadhal air àiteachan leithid Ibiza agus Mallorca anns an Spàinn.

Tha mothachadh anns an Eilean Sgitheanach gum feum rudeigin tachairt a thogas airgead airson a chosg a chum maith muinntir an àite, agus gus an t-àite a chumail tarraingeach do luchd-tadhail.

"Tha luchd-coiseadh dha-rìribh, agus feadhainn ris a bheil an dùthaich a' còrdadh, ag iarraidh tighinn an seo agus a bhith ga mhealtainn," thuirt Roger.

"Chan e a bhith a' faicinn an sgudail 's gun tilleadh," thuirt e.