Dithis dhàibhearan air ainmeachadh

  • 31 An t-Iuchar 2017
Bàgh a' Chaisteil
Image caption Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach aig 11:20m Disathairne

Bhàsaich dithis dhàibhearan ann an tubaist far Bharraigh Disathairne.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach aig 11:20m nuair a chaidh mothachadh dhan bhàta aca gun duine air bòrd.

Chaidh na cuirp aca fhaighinn le Bàta-Teasairginn Bharraigh mu 13:00f.

Chaidh an dithis ainmeachadh gu h-ionadail mar Iain MacDhùghaill, 39, a bhuineadh dhan eilean, agus caraid dha, Ryan McGuckin, a bha 39 agus a bhuineadh dhan Eaglais Bhric, ach a bha a' fuireach ann an Lunnainn.

Thuirt Comanndair nan Eilean Siar ann am Poileas Alba, Gòrdan MacLeòid, gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn ach nach eil coltas gun robh càil amharasach mun chùis.

Thug e taing dhan phoball airson cuideachadh a thoirt dha na seirbheisean teasairginn.

Thèid aithisg mun tubaist a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.