Dalmore
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Làrach cho cudthromach ri na Pioramaidean

28 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fhuaireadh fianais a bharrachd gu robh daoine a' fuireach anns na h-Eileanan an Iar co-dhiù trì gu leth mìle bliadhna ro bhreith Chrìosd.

Tha arc-eòlaichean air a bhith a' rannsachadh crannag bheag bho Lìnn Ùr na Cloiche os cionn Chàrlabhaigh air taobh siar Leòdhais.

Tha beachd ann gu bheil iad a cheart cho cudthromach ri pioramaidean na h-Èipheit.

Bidh iad a-nis a' sireadh taic-airgid airson an tuilleadh rannsachaidh a dheanamh.

Tha an aithris-sa aig Eilidh NicLeòid.