"Coimheadamaid ri cur às dhan Bhòrd"

  • 28 An t-Iuchar 2017

Bu chòir beachdachadh air cur às do Bhòrd na Gàidhlig agus an obair fhàgail aig Riaghaltas na h-Alba, a rèir Fhionnlaigh MhicLeòid, a thug bliadhnaichean mòra an sàs ann an leasachadh a' chànain.

Thuirt Mgr MacLeoid, a bha ùine na cheannard air Comhairle nan Sgoiltean-Àraich, nach eil e a' faicinn gu bheil am bòrd a' dèanamh adhartais sam bith agus nach eil e a' faicinn adhbhair air a shon.

Dtr. Mìcheal Foxley

Bha Mgr MacLeòid a' bruidhinn às dèidh dhan Dtr. Mìcheal Foxley - a bha roimhe na cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd - moladh gum bu chòir sgoiltean-àraich na Gàidhealtachd air fad a bhith dà-chànanach taobh a-staigh còig bliadhna.

Mhol e tuilleadh ionadan Gàidhlig agus sgoil Ghàidhlig ùr air Ghàidhealtachd cuideachd, agus thuirt e gum bu chòir do Bhòrd na Gàidhlig barrachd airgid a chur ri foghlam.

Coimhearsnachdan

Thuirt Mgr MacLeòid ge-tà: "Tha an suidheachadh againn a thaobh nan coimhearsnachdan a' dol sìos cho luath agus cho mòr agus iad fhathast a' bruidhinn air sgoiltean.

"Chan ann ann an sgoiltean a bhios ùrachadh a' tighinn a thaobh cànain, 's ann a thaobh na dachaigh."

Chan eil Bòrd na Gàidhlig air beachd a thoirt air na thuirt Mgr MacLeòid aig an ìre seo.