Leasachadh muilleann Shiaboist ga fhosgladh

  • 28 An t-Iuchar 2017
Clò Mòr

Fosglaidh a' Bhana-Phrionnsa Rìoghail pàirt ùr de Mhuilinn a' Chlò Mhòir ann an Siabost ann an Leòdhas Dihaoine.

Chaidh taigh-dathaidh le goireasan measgachaidh ùra a thogail mar phàirt den leasachadh.

Bidh a' chompanaidh Clò Mòr Innse Gall a' sgaoileadh a' chlò gu 50 dùthaich air feadh an t-saoghail, leis na prìomh mhargaidhean ann an Iapan, a' Ghearmailt agus na Stàitean Aonaichte.

Tha 210 neach ag obair dhaibh eadar breabadairean agus luchd-obrach na muilne ann an Siabost.

Thuirt ceannardan na companaidh gu bheil an obair-leasachaidh a' ciallachadh gum bi an togallach cuideachd nas tlachdmhoire dhan luchd-obrach.

Thuirt Àrd-Oifigear Clò Mòr Innse Gall, Iain Aonghas MacCoinnich, gu bheil seo na chomharra air cho misneachail 's a tha iad mu staid a' ghnìomhachais.

Bidh a' Bhana-Phrìonnsa Anna an làthair ann an Siabost Dihaoine gus am pàirt ùr den mhuilinn fhosgladh gu h-oifigeil.