Bland a' tighinn gu Dull is Boring

  • 28 An t-Iuchar 2017
Soidhne rathaid Dull is Boring
Image caption Tha an soidhne rathaid 'son Dull is Boring a-nis na thàladh do luchd-turais.

Tha càirdeas sònraichte ga stèidheachadh eadar trì bailtean le ainmean caran àraid.

Bidh cuirm aig Dull oidhche Haoine le riochdairean bho Bland ann an Astràilia.

Chaidh càirdeas a stèidheachadh mar thà eadar Dull ann an Siorrachd Pheairt agus Boring ann an Oregon sna Stàitean Aonaichte.

Tha iad ag ràdh gu bheil seo air feum mòr a dhèanamh a thaobh turasachd.

Co-bhanntachd

Agus tha là oifigeil aca ann am Boring gach bliadhna air a bheil Là Dull is Boring.

Thàinig an gnothach gu aire oifigear turasachd ann am Bland, ann an Astràilia.

Shaoil muinntir an àite gum bu chòir dhaibhsan a dhol an sàs cuideachd.

Mar sin, bidh ciurm shònraichte ann an Siorrachd Pheairt oidhche Haoine, le Mèar Bland, Neil Pokoney, an làthair.

Tha na bailtean ag ràdh gur e 'Lìog nan Coimhearsnachdan Iongantach' a th' annta - co-bhanntachd oifigeil eadar Dull, Boring is Bland.