Leasachadh foghlam Gàidhlig 'duilich' gun chomataidh

  • 28 An t-Iuchar 2017

Bidh e gu math duilich do Chomhairle na Gàidhealtachd planaichean Gàidhlig a chur an sàs nuair nach eil comataidh fa-leth ann airson na Gàidhlig tuilleadh agus nuair nach eil manaidear leasachaidh aca 'son a' chànain.

Sin a rèir Hamish Fhriseil a bha roimhe na chathraiche air a' chomataidh.

Tha Mgr Friseal ag ràdh gu bheil dragh air mu suidheachadh na Gàidhlig taobh a-staigh Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha a' Chomhairle a' sireadh bheachdan air an treas phlana Gàidhlig aca an-dràsta.

Thuirt fear a bha roimhe na cheannard air an ùghdarras ionadail, an Dtr. Mìcheal Foxley, gum bu chòir dhan Chomhairle tòrr a bharrachd a dhèanamh.

Mhol e gum biodh sgoiltean-àraich na Gàidhealtachd air fad dà-chànanach taobh a-staigh còig bliadhna, am measg eile.