Feòil-mhairt ga meas nas sàbhailte

  • 27 An t-Iuchar 2017
Crodh Image copyright Duncan Leatherdale
Image caption Chaidh na mìltean de bheathaichean-mairt a spadadh air sgàth BhSE.

Chaidh an ìre chunnairt bho BhSE ann am feòil-mhairt na h-Alba a lùghdachadh chun na h-ìre as ìsle le Buidhinn na Cruinne airson Slàinte Bheathaichean.

Chaidh BSE a chlàradh an toiseach ann am Breatainn anns na 1980an, ach cha do nochd cùis dheth ann an Alba bho 2009.

Chaidh na mìltean de bheathaichean-mairt a spadadh air sgàth an tinneis, às dèidh mar a chaidh a cheangal ris an tinneas eanchainn Creutzfeldt-Jakob ann am mac an duine.

Thuit an àireamh chùisean den tinneas gu mòr às dèidh mar a chaidh casg a chur air biadh-chruidh anns an robh anablach.

Bho an-diugh (27/07/2017), tha an cunnart bho BhSE ann am feòil-mhairt na h-Alba ga mheas fìor ìosail.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e là cudromach a tha seo, agus thuirt Comann Luchd-reic Feòla na h-Alba gun toir e piseach mòr air a' ghnìomhachas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile