"Uireasbhaidhean mhaor" aig Ralaidh an Snowman

  • 27 An t-Iuchar 2017
Joy Robson Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX
Image caption Bhàsaich Joy Robson aig ralaidh an Snowman ann an 2013

Dh'innis fear a bha na àrd-oifigeach aig ralaidh chàraichean air Ghàidhealtachd ann an 2013 san deach boireannach a mharbhadh, nach robh manaidsearachd an luchd-amhairc aig Ralaidh an Snowman ag obrachadh gu math.

Bha Clàrc a' Chùrsa, Neil Moir, a' bruidhinn aig Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir ann an Dùn Èideann a tha a' coimhead ris a' chùis, agus cuideachd, airson a' chiad uair ann an eachdraidh laghail na h-Alba, aig an aon àm ri bàs thriùir eile aig Ralaidh Jim Clarke anns na Crìochan ann an 2014.

Bhàsaich Joy Robson, a bha 51 agus a bhuineadh do Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach, nuair a chaidh càr far an trac aig Ralaidh an Snowman, faisg air Inbhir Nis, ann an 2013.

Dh'innis Mgr Moir don Rannsachadh gun deach co-dhùnadh a dhèanamh a' chuid as motha de na maoir a bh' ann a chumail faisg air an loidhne chrìochnachaidh, ri linn trioblaidean a bh' ann air a' bhliadhna roimhe co-cheangailte ri deoch-làidir am measg an luchd-amhairc.

Thuirt e, nuair a dh'fhaighnich e den Àrd-Mhaor co-dhiù bha maoir gu leòr anns an àite san robh a' mhòr chuid de dhaoine a' ruighinn an tachartais, faisg air far an robh an tubaist gu bhith, gun deach innse dha gun robh.

"Bha e air a dhèanamh dheth gun nochdadh a' mhòr-chuid de dhaoine mus do thòisich an ralaidh, ach is coltach nach b' ann mar sin a bha," thuirt e.

Dhearbh Mgr Moir cuideachd gun deach measadh cunnairt a dhèanamh, san robh dhà no trì dhuilleagan, "anns nach tugadh feart cho mòr dhan luchd-amhairc 's a thugadh don luchd-rèisidh".

Ach, nuair a chuir Mark Stiùbhart QC ceist air, dh'aontaich Mgr Moir gun robh a' bhuidheann aige - Cluba Chàraichean na Gàidhealtachd - air a dhol na b' fhaide na dh'fheumadh iad a thaobh sàbhailteachd, a rèir nan riaghailtean a chaidh a shònrachadh aig an àm le buidhinn riaghlaidh a' mhotor-spòrs.

Tha an rannsachadh a' leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo