Coinneanaich a' chaisteil

  • 27 An t-Iuchar 2017
Rabaid fhiadhaich Image copyright BBC/Dragonfly Productions
Image caption Tha a' bhruach fon chaisteal làn coinicearan sa bhail coinneanaich fhiadhaich a' dèanamh an dachaigh.

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air lìonra de thunailean rabaid feuch a bheil iad a' fàgail bruaich fheurach fo Chaisteal Inbhir Nis neo-sheasmhach.

Tha coinneanaich fhiadhaich air na coinicearan sa bhruaich a dhèanamh, agus iad ri fhaicinn gu soilleir bhon rathad shìos foidhpe.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun dèan iad sgrùdadh feuch a bheil na coinicearan a' milleadh na bruaiche, agus feuch dè a' bhuaidh a tha craobhan a chaidh a chur air a' bhruaich a' toirt air a seasmhachd.

Image caption Thèid deuchainn a dhèanamh cuideachd air dòigh ùr air am feur a ghearradh air a' bhruaich chas.

Tha dùil gun tèid an obair a dhèanamh san t-Sultain.

Thèid deuchainn a dhèanamh cuideachd air inneal fo stiùir rèidio airson feur na bruaiche a ghearradh.

Tha beachd ann gum fàg an t-inneal gearradh an fheòir air a' bhruaich, a tha caran dùbhlannach, nas fhasa.

'S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a tha pàirt den chaisteal, anns a bheil cuideachd Cùirt Siorraim a' bhaile.

Tha a' Chomhairle ag amas air an togalach air fad fhosgladh do luchd-turais aon uair 's gun tèid a' chùirt a ghluasad gu togalach eile.