Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Poileas Alba

Tha ceannard nan Libearalach Deamocratach an Alba, Willie Rennie, am measg na tha ag ràdh gum bu chòir do dh'Àrd-Chonstabal na h-Alba seasamh sìos fhad 's a tha e fo sgrùdadh airson fìor dhroch mhì-ghiùlain. Cha deach innse gu h-oifigeil dè a' chasaid a tha an aghaidh Phil Gormley, ach 's e tuigse a' BhBC gur e burraidheachd a th' ann. Thuirt Mgr Gormley gum fuirich e anns an dreuchd fhad 's a tha an rannsachadh a' dol air adhart.

An Louisa

Tha an aithisg mu dhol fodha a' bhàt-iasgaich an Louisa far Mhiughlaigh an-uiridh, anns an do chaill triùir am beatha, ag ràdh gum feum ath-sgrùdadh san aithghearrachd a bhith ann air deuchainnean air seacaidean sàbhalaidh. Thuirt Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara nach robh na seacaidean sàbhalaidh ag obair ceart, gun robh inneal rabhaidh dheth, agus nach do dh'obraich an ràth sàbhalaidh mar a bu chòir. Thog an aithisg cuideachd air an ùine mus d' fhuair na seirbheisean teasairginn gu làrach na tubaiste.

Seirbheisean Slàinte

Thug Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba, Caroline Gardner, rabhadh do Riaghaltas na h-Alba gu bheil cuideam a' sìor fhàs air na seirbheisean slàinte. Thuirt i gu bheil barrachd ghearainnean ann bhon mhòr-shluagh, agus luchd-dreuchd cuideachd a' gearain mu uallach na h-obrach orra. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' gealltainn measgachadh ceart eadar sgilean agus luchd-obrach far a bheil feum orra.

In-imreachd

Nì Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte tomhas mionaideach air cosgais agus buannachd luchd-imrich às an EU mus dèan iad co-dhùnadh air poileasaidh in-imreachd às dèidh Brexit. Dh'iarr Rùnaire na Dùthcha, Amber Rudd, beachd bho eòlaichean neo-eisimeileach ron t-Sultain an ath-bhliadhna mus tèid riaghailtean ùra a stèidheachadh air gluasad a-mach 's a-steach à Breatainn.

Foghlam Gàidhlig

Tha an Dtr. Mìcheal Foxley, a bha ùine na cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd, a' fàgail air an ùghdarras nach eil iad a' stèidheachadh gu leòr aonadan foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, no sgoiltean Gàidhlig. Tha an Dtr. Foxley den bheachd gum feumar aonad Gàidhlig aig ìre bhun-sgoile a thogail gach bliadhna, gum feum sgoiltean-àraich a bhith dà-chànanach, agus gum feumar sgoil Ghàidhlig eile a thogail air a' Ghàidhealtachd an taobh a-staigh còig bliadhna. Tha a' Chomhairle a' dèanamh co-luadair an-dràsta air an treas phlana Gàidhlig aca.

Port Rìgh

Dh'fhoillsich dotairean aig Ionad Meidigeach Phort Rìgh litir ann am Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich a' mìneachadh sheirbheisean agus cùraim air taobh a-muigh nan uairean làitheil àbhaisteach agus air an deireadh-sheachdain. Thuirt an Àrd-Dhotair Stephen MacCabe, gun tàinig e am follais bho chionn ghoirid gu bheil daoine air a bhith a' seachnadh cobhair leis gu bheil iad den bheachd nach eil na seirbheisean sin aig ionad Phort Rìgh. Thuirt e gu bheil e cudromach gun tuig muinntir an àite agus luchd-turais dè na seirbheisean meidigeach a tha rim faotainn aig Ospadal Phort Rìgh.