Mìneachadh air seirbheisean meidigeach

  • 27 An t-Iuchar 2017
Ionad Meidigeach Phort Rìgh Image copyright Des Colhoun/Geograph

Dh'fhoillsich dotairean aig Ionad Meidigeach Phort Rìgh litir ann am Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich a' mìneachadh sheirbheisean agus cùraim air taobh a-muigh nan uairean làitheil àbhaisteach agus air an deireadh-sheachdain.

Thuirt an Àrd-Dhotair Stephen MacCabe, gun tàinig e am follais bho chionn ghoirid gu bheil daoine air a bhith a' seachnadh cobhair leis gu bheil iad den bheachd nach eil na seirbheisean sin aig ionad Phort Rìgh.

Thuirt e gu bheil e cudromach gun tuig muinntir an àite agus luchd-turais dè na seirbheisean meidigeach a tha rim faotainn aig Ospadal Phort Rìgh.