An Ubhal as Ìsle

  • 27 An t-Iuchar 2017
Ubhlan Image copyright Getty Images

Tha còir aig a h-uile duine sa bhaile mhòr a bhith faisg gu leòr air meas-ghort (orchard) 's gun urrain dhaibh coiseachd ann.

Sin amas na buidhne Pròiseact a' Mheas-Ghoirt (The Orchard Project).

Tha iad a' toirt taic do bhuidhnean coimhearsnachd air feadh na dùthcha meas-ghortan a stèidheachadh air talamh poblach.

"Tha meas-ghort aca an seo, 's tha diofar seòrsa mheasan a' fàs - ubhlan is peuran is plumais is siristean," thuirt oifigear leasachaidh na sgeama Helping Britain Blossom ann an Glaschu, Fearghas Walker, 's e a' tadhal air meas-ghort coimhearsnachd ann an Dail Cheilbhin a Tuath.

Àite Brèagha

"Agus tha sinn dìreach a' coimhead air an obair a tha ri dhèanamh an-diugh anns a' mheas-ghort.

"Beagan bearraidh, dìreach a' coimhead às dèidh cho falain 's a tha na craobhan.

"Tha sinne ag obair air feadh na dùthcha a' toirt taic do mheas-ghortan coimhearsnachd.

"Tha sinn ag iarraidh gum bi meas-ghort ann airson a h-uile duine anns a h-uile baile, gun urrainn dhaibh coiseachd ann is pàirt a ghabhail ann a bhith a' coimhead às dèidh nan craobhan, a bhith a' buain mheasan bho na craobhan cuideachd, agus tha a h-uile seòrsa buannachd ann.

"'S e àite glè bhrèagha, glè thlachdmhor a th' ann am meas-ghort a bhith. Gu h-àraid nuair a tha iad mòr, is air a bhith ann bho chionn bhliadhaichean.

Image copyright Getty Images
Image caption Tha measan ann am meas-ghortan coimhearsnachd saor airson duine sam bith a bhuain.

"Àite math airson cuirm-cnuic a ghabhail, no a bhith dìreach a' suidhe an sin mar phàirt de phàirc.

"Ma tha craobhan gu bhith anns na pàircichean againn, carson nach bi feadhainn aca a' toirt dhuinn mheasan is chnothan?

"'S e an fheallsanachd a th' againn gum bu chòir dhaibh a bhith fosgailte dha duine sam bith a bhith a' dol an sàs 's a' toirt na tha iad ag iarraidh.

"Tha ceithir ann an-dràsta ann an Glaschu a tha sinne a' toirt taic dhaibh, ach tha feadhainn eile ann cuideachd, is tha sinn an dòchas gum bi cothrom ann cultar mheas-ghortan a bhrosnachadh anns a' bhaile.

"Tha cothrom mòr ann a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn cò às a tha am biadh againn a' tighinn.

Na Daoine 's an Talamh

"Agus le biadh a tha a' tighinn bho chraobhan, chan e dìreach aon sheusan a th' ann, no aon bhliadhna mar a th' agad le glasraich.

"Tha na craobhan gu bhith ann airson 25 bliadhna, no 100 bliadhna, no 150 bliadhna," thuirt e.

Tha na tha talamh poblach a' ciallachadh, cò dha a tha e, 's ciamar a tha e a' buntainn ri daoine na chùis deasbaid san là a th' ann, agus coimhearsnachdan a' coimhead air leithid de ghoireas le sùilean ùra.

Image copyright Getty Images
Image caption Tha am pròiseact ag amas air toirt air daoine smaoineachadh mu cò às a tha am biadh aca a' tighinn.

Do dh'Fhearghas ge-tà, tha a' chùis a tha seo nas bunaitiche na sin fhèin.

"'S e pàirt de cheist nas fharsainne a th' ann nam bheachd-sa," thuirt e.

"Ceist mu dheidhinn dè an ceangal a th' aig na daoine ris an fhearann. Ris an talamh. Gu h-àraid anns a' bhaile mhòr.

"Ma tha cothrom ann dha daoine a bhith a' buain mheasan is chnothan is eile bho chraobhan a tha gu bhith ann airson 100 bliadhna, 's e diofar sheòrsa ceangail a tha sin," thuirt e.

Tha tlachd an cois na h-obrach seo do dh'Fhearghas cuideachd ge-tà, seach a-mhàin adhbhar sòisealta.

"'S fìor thoil leamsa craobhan," thuirt e.

"Agus, uill, 's toil leam gum bi a' chraobh sin ann gach bliadhna a' toirt dhuinn biadh blasta, agus nach fheum sinn mòran a dhèanamh ach dìreach a bhith a' coimhead às a dèidh."