Dragh mu phlanaichean Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd

  • 27 An t-Iuchar 2017
Mìcheal Foxley

Thuirt an Dr Mìcheal Foxley, a bha roimhe na Cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd, nach eil planaichean na Comhairle airson na Gàidhlig a' dol fada gu leòr.

Tha a' Chomhairle an-dràsta a' dèanamh cho-chomhairle air an treas phlana cànain aca.

Thuirt an Dr Foxley gum bu chòir aonad Gàidhlig aig ìre bhun-sgoile a thogail gach bliadhna, gum biodh sgoiltean àraich dà-chànanach - a' tòiseachadh le feadhainn anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Abar - agus gun deadh sgoil Ghàidhlig eile a thogail air a' Ghàidhealtachd taobh a-staigh còig bliadhna.

Tha e ag ràdh gur e aon bhuidhinn a-mhàin - sin Bòrd na Gàidhlig fhèin - a bu chòir a bhith an urra ris a' Ghàidhlig.

Dh'iarradh e an uair sin gun cuireadh Bòrd na Gàidhlig barrachd airgid a dh'ionnsaigh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha e ag ràdh, nuair a tha aonad Gàidhlig air a stèidheachadh ceart, gur ann a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nas saoire a thoirt seachad na foghlam Beurla.

Bu chòir cuideachd, thuirt e, na buannachdan a tha an cois foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, a bhith air an toirt gu aire phàrantan.

Maoineachadh

Tha an Dr Foxley a' moladh gur ann bho luchd-leasachaidh a tha a' dol an sàs ann an sgeamaichean mòra taigheadais anns a' bhaile a thigeadh pàirt den mhaoineachadh airson sgoil Ghàidhlig ùir ann an Inbhir Nis.

"Bu chòir dhuinn a bhith a' sireadh barrachd airgid bho luchd-leasachaidh - tha cuid dhiubh air fàs glè bheartach a' togail thaighean ann an Inbhir Nis, ach tha iad air glè bheag a dhèanamh dhan choimhearsnachd"

Tha dùil ri beachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig an-diugh fhathast.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile