Cha bhi Stephanie Inglis a' tilleadh gu judo

  • 26 An t-Iuchar 2017
Stephanie Inglis Image copyright SNS group

Dh'innis Stephanie Inglis, a choisinn bonn airgid ann an judo aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis, nach bi i a' farpais san spòrs tuilleadh.

Thar na bliadhna mu dheireadh tha Stephanie air a bhith a' faighinn seachad air tubaist mhotar-baidhseagail ann an Vietnam.

Thuirt dotairean ann an Vietman nach robh mòran coltais idir gun tigeadh i às sin beò, leis gun robh i air a goirteachadh cho dona mu a ceann.

Chaidh iomairt a chur air dòigh airson airgead a thogail gus pàigheadh airson a' chùraim mheidigich a bha Stephanie, à Dèimhidh faisg air Inbhir Nis, a' faighinn ann an Thailand agus airson a sgèith air ais a dh'Alba.

Bha i gun mhothachadh san ospadal ann an Dùn Èideann fad sia seachdainnean mus do dhùisg i.

'S urrainn dhi a-nis coiseachd suas an staidhre agus beanntan, agus tha i air ais ag obair.

Ach cha bhi i a' tilleadh gu judo an dèidh dhan lannsair aice a ràdh rithe gum biodh e ro chunnartach dhi sin a dhèanamh leis gun robh coltas ann gum biodh i ann an cunnart a beatha nan deadh a goirteachadh mu a ceann a-rithist.