Cùis bhàta a tha a' breothadh a' dol gu lagh

  • 26 An t-Iuchar 2017
An Silver Spray Image copyright Murray MacLeoid

Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad a' dol gu lagh airson toirt air duine bàt-iasgaich a tha leis, 's a tha a' breothadh aig cidhe ann an Leòdhas a thoirt air falbh.

Thuige seo tha an duine leis a bheil am bàta, Uilleam Grafton, air diùltadh càil a dhèanamh mu dheidhinn.

Thathas a' tuigsinn gu bheil an Silver Spray, anns a bheil 21 troigh, air a bhith aig cidhe Chàrlabhaigh bho chaidh milleadh a dhèanamh oirre.

Chleachd Mgr Grafton a bhith na chompanach aig Natalie Crayton, a bha a' ruith companaidh Hebridean Sea Salt, a chaidh fodha na bu thràithe air a' mhìos.

Mealladh

Stèidhich an dithis a' chompanaidh ann an Leòdhas ann an 2011 le £175,000 de thaic-airgid phoblaich.

Le taic bho Bhuidheann Inbhe-Bìdh na h-Alba (FSA) chaidh oifgearan ìrean malairt na Comhairle gu làrach na companaidh air cladaichean Loch Èireasoirt sa Ghearran agus ceistean gan togail mu cò às a bha an salainn a' tighinn.

Bha a' chompanaidh a' dèanamh dheth gun robh an salainn a' tighinn bhon mhuir faisg air làimh.

Ach fhuair an FSA gur e dìreach 20% den t-salainn a bha a' tighinn às na h-Eileanan an Iar, agus thuirt iad nach robh e idir ceart luchd-ceannaich a mhealladh san dòigh sin.

Rinn a' chompanaidh tagradh cùirt airson a dhol ann an làmhan luchd-trusaidh nam fiach bho chionn beagan sheachdainnean agus fiachan mòra orra, nach b' urrainn dhaibh pàigheadh.

Grotadh

Le Ms Crayton trang leis a' ghìomhachas thòisich Uilleam Grafton ag iasgach.

Thathas a' tuigsinn gun deach milleadh a dhèanamh air a' bhàta aige, an Silver Spray, agus gu bheil i a-nis a' grotadh aig cidhe Charlabhaigh.

Thuirt neach-labhairt aig Comhairle nan Eilean Siar gun robh iad air sgrìobhadh gu Mgr Grafton ag iarraidh air am bàta a thoirt air falbh.

"Leis gu bheil am bàta fhathast aig cidhe Charlabhaigh, tha sinn air am pròiseas laghail airson a thoirt air falbh a thòiseachadh," thuirt e.

Thathas a' tuigsinn nach eil Mgr Grafton agus Ms Crayton còmhla tuilleadh.