Ralaidh "air fulang le fàs"

  • 26 An t-Iuchar 2017
Joy Robson Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX
Image caption Bhàsaich Joy Robson aig ralaidh an Snowman ann an 2013

Chuala Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir gun robh Ralaidh an Snowman ann an Inbhir Nis air "fulang" le cho mòr is a dh'fhàs e, is barrachd luchd-taic a' dol ann.

Tha bàs Joy Robson às an Eilean Sgitheanach aig an ralaidh ann an 2013 ga rannsachadh aig an FAI.

Tha an rannsachadh ann an Dùn Èideann cuideachd a' coimhead ri bàs thriùir luchd-taic - Iain Provan, Ealasaid Allan, is Len Stern - aig Ralaidh Jim Clark anns na Crìochan ann an 2014.

Chaill Joy Robson, 51, a beatha aig Railidh an Snowman bliadhna roimhe sin, nuair a bha buail càr a chaidh far na slighe innte.

Chula an FAI Diciadain bho Iain Caimbeul, leas-chlarc an Ralaidh.

Thuirt Mgr Caimbeul gun robh Ralaidh an Snowman air fulang le cho mòr 's a dh'fhàs e, le barrachd is barrachd dhaoine a' gabhail ùidh san spòrs.

Thuirt e gu bheil fios aig luchd-taic le eòlas air an spòrs càite am bu chòir dhaibh seasamh, ach gu bheil feadhainn eile feumach air stiùireadh.

Thuirt e gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine a' gabhail ris an stiùireadh sin.

Tha an rannsachadh a' leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo