"Sreath de dh'uireasbhaidhean" air bòrd an Louisa

  • 26 An t-Iuchar 2017
An Louisa Image copyright Alasdair MacLennan

Thàinig rannsachadh air mar a chaidh am bàt'-iasgaich an Louisa fodha far Mhiùghlaigh sa Ghiblean 2015, dhan cho-dhùnadh gun robh sreath de dh'uireasbhaidhean air bòrd a dh'adhbharaich an tubaist.

Chaidh am bàta fodha tràth air an 9mh là den Ghiblean an-uiridh, agus i aig acair far Mhiùghlaigh, le triùir den cheathrar criutha a' call am beatha. Chaidh aig a' cheathramh fear air snàmh gu tìr.

Bha an criutha nan cadal aig an àm, agus fhuair an rannsachadh gur e mar a chaidh saitsichean an t-soithich fhàgail fosgailte, agus tha a h-uile coltas ann gun deach hòs-uisge a bha a' glanadh an deic, fhàgail air, agus chaidh bulg, no 'hold' a' bhàta, a lìonadh le uisge.

Seacaidean Sàbhalaidh

A thuilleadh air a sin cha deach aig a' chriutha air an rath-sàbhalaidh àdhaireachadh, gam fàgail an urra ris na seacaidean sàbhalaidh aca.

Thuirt Àrd-Inspeactair nan Tubaistean Mara, Steve Clinch: "Bu chòir gun tionndaidh seacaid sàbhalaidh duine a tha gun mhothachadh air a dhruim, a' cumail an anail saor bhon uisge.

"Tha e mar sin na adhbhar dragh gun deach an sgiobair agus dithis den chriutha a lorg neo-fhreagairteach, air am beul fodhpa sa mhuir nan seacaidean sàbhalaidh nuair a ràinig na seirbheisean teasargainn.

"Tha toraidhean deuchainnean a rinneadh le Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB), agus deuchainnean a rinn Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) às dèidh na tubaiste a' neartachadh an dragh a tha sin.

"Mar sin, le cabhag, tha mi a' moladh don MCA gun dèan iad tuilleadh rannsachaidh feuch dè cho freagarrach 's a tha modhan deuchainn - gach cuid eachdraidheil agus san là an-diugh - air seacaidean sàbhalaidh," thuirt e.

Cleachdadh as Fheàrr

Chaidh an triùir a bhàsaich a lorg air am beul fodhpa san uisge ge-tà, - rud nach bu chòir tachairt le seacaid shàbhalaidh.

Thugadh dithis den chriutha a-mach às an uisge, ach chaidh an sgiobair, a chaidh a lorg còmhla riutha, a chall san iomairt, 's cha deach a lorg às dèidh sin.

Chaidh am bàta a thogail far ghrunnd na mara airson an rannsachaidh, a rinn Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara.

"Gun laigse susbainteach san t-soitheach, tha sinn air co-dhùnadh gur coltach gun deach an soitheach fodha ri linn hòs-glanaidh an deic a bhith a' lìonadh a' bhuilg le uisge fhad 's a bha an sgiobair 's an criutha nan cadal.

"Dh'fhàg mar a chaidh alarm a' bhuilg a chur dheth, nach deach an dùsgadh gus an robh an soitheach an impis a dhol fodha.

"Tha na rudan seo a' nochdadh nach deach cumail ris a' chleachdadh as fheàrr, agus nach deach na cunnartan a bhiodh an lùib sin aithneachadh gu ceart.

"Tha mar a dh'fhailich ràth-sàbhalaidh an t-soithich, agus maill air sgiobanan teasargainn a bhith a' ruighinn na làraich, a' fàgail gun robh an sgiobair 's an criutha an urra ris na seacaidean sàbhalaidh aca.

Sgìths

Thuirt an aithisg gun robh an criutha uile sgìth, agus nach deach na cleachdaidhean as fheàrr a leantainn ri linn sin.

Chaidh a ràdh cuideachd gun tug an sgiobair air fhèin agus air a' chriutha obrachadh ro chruaidh son uairean a bha ro fhada, seach a bhith a' leantainn pàtran stèidhichte, agus gun do dh'fhàg sin gun robh an sàbhailteachd, agus sàbhailteachd an t-soithich, air a lagachadh.

A thuilleadh air sin fhuair an rannsachadh nach robh an Louisa a' cur a-mach siognal rèidio ag innse càite an robh i, agus nach robh uidheamachd bhiùgain phearsanta air a' chriutha san uisge, rud a dh'fhàg nach robh e cho furasta dhan luchd-teasairginn an lorg.

MCA

Thuirt tè-labhairt bho Bhuidhinn na Mara 's nam Maor-Cladaich gu bheil an smuaintean fhathast le teaghlaichean nan iasgairean a chailleadh:

"Gu mì-fhortanach tha aithisg an MAIB a' comharrachadh sreath thachartasan a dh'adhbhraich an uabhas seo.

"Tron rannsachadh chaidh fiosrachadh ceart a chumail rinn, 's leig seo leinn an rannsachadh againn fhèin a dhèanamh aig an aon àm.

"Tha an MCA fhathast ag obair leis an MAIB air susbaint na h-aithisg feuch na molaidhean a thathas a' cur air adhart, a fhreagairt".

Thuirt labhraiche do Dhonnchadh agus Murchadh Ceannadach, leis an robh an Louisa, gu bheil an smuaintean le teaghlaichean Mhàrtainn MhicIain, Chrìsdean Mhoireasdain agus Phòl Alliston, agus leis an fhear a thàinig beò às an tubaist Lachlann Armstrong.

"Tha sinn air làn-chò-obrachadh a thoirt do rannsachadh an MAIB 's tha sinn dealasach mu mholaidhean na h-aithisg a chur an gnìomh.

"Tha sinn an-dòchas gun adhbhraich na ceistean farsaing a tha gan togail san aithisg, piseach sàbhailteachd dhan a h-uile duine a tha ag obair aig muir, 's gun cuir e stad air càil de a sheòrsa tachairt a-rithist."