Co-labhairt mu thinneas Lyme

  • 26 An t-Iuchar 2017
Gartan

Bidh co-labhairt ann an Beinn nam Fadhla air an ath-mhìos mun trioblaid le gartain agus an Tinnes Lyme ann an Uibhist.

Tha àireamh mhòr de dhaoine anns an sgìre air a bheil an tinneas, a tha na gartain a' giùlain.

Tha a' cho-labhairt ag amas air tuigse nas fheàrr a thoirt do dhaoine air mar a tha na seirbheisean slàinte a' dèiligeadh ris.

"'S e coinneamh a th' ann a tha sinn air a chur ri chèile a' leantail air na tha sinn air a bhith a' dèanamh airson a bhith a' togail fiosrachaidh mu dheidhinn ghartan agus tinneas Lyme anns na h-Eileanan Siar, gu h-àraid ann an Uibhist a Deas," thuirt Iseabail NicAonghais aig Roinn na Slàinte Poblaich aig NHS nan Eilean Siar.

Adhbhar Dragh

"'S tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri daoine aig Dìon Slàinte Alba, 's a' Phàrlamaid, 's na BPA, a' togail leis na daoine a tha sin gu bheil dragh oirnn mu dheidhinn na tha a' tachairt an seo, 's gu bheil sinn ag iarraidh fiosrachaidh, cuideachaidh agus iad sealltainn dhuinn dè bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh a-niste.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil sinn air a bhith a' faicinn nan àireamhan de thinneas Lyme a' dol suas, 's tha sinn air a bhith a' bruidhinn ris na daoine, 's a' cur a-mach fiosrachaidh, 's a' feuchainn ri toirt air daoine a bhith faiceallach, agus tha daoine ag iarraidh rannsachaidh, 's ag iarraidh barrachd fiosrachaidh air dè na rudan a dh'fheumas tachairt, agus chan eil am fiosrachadh sin againn fhathast.

"Feumaidh daoine eile tighinn agus fiosrachadh a thoirt dhuinn air dè mar a thèid sinn air aghaidh le seo.

"Tha mar a tha na h-àireamhan a' dol suas na adhbhar dragh dhuinnn, agus 's e sin carson a tha sinn a' feuchainn am fiosrachadh fhaighinn agus a chur a-mach gu daoine.

"Tha daoine gam fàgail gu math bochd nuair a gheibh iad e, agus chan eil sinn airson sin a chumail air. Tha sinn airson stad a chur air na h-àireamhan a' dol suas.

"Chì sinn dè chanas na daoine a tha a' tighinn chun na coinneimh, dè chanas iad rinn a bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh.

"Ach a bheil rudan ann a bhu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh ris an àrainneachd? Ris na daoine? Agus dè tha iad a' smaointinn as coireach?

"Feumaidh sinn fiosrachadh fhaighinn air dè as coireach gu bheil na h-àireamhan cho àrd an Uibhist.

Stiùir

"Tha sinn an dòchas gun tig rannsachadh a-mach às seo. Tha oilthighean ann an Alba agus ann an Sasainn air tighinn air aghaidh 's a ràdh gu bheil iad airson tòiseachadh air cuideachadh a thoirt dhuinn.

"Tha sinn mar thà a' cur air falbh ghartan gu trì oilthighean, airson gum faic iad dè an species Borrelia a tha na gartain a' tarraing an seo.

"Chaidh na fiachaidhean a-mach chun an tachartais gu buidhnean a bha sinn a' smaointinn aig a bheil ùidh ann an gartain 's ann an tinneas Lyme, anns an àrainneachd.

"Tha sinn air an cur a-mach chun nan oighreachdan. Gu Slàinte Arainneachail, SNH, dotairean teaghlaich.

"Agus tha na bùird shlàinte air feadh Alba air comharrachadh gu bheil iad airson cluinntinn dè tha daoine ag ràdh an seo.

"Tha mu 50 a' tighinn chun na coinneimh, ach tha tuilleadh a' tighinn a-steach air co-labhairt bhidio. Tha naoi diofar àiteachan a' tighinn a-steach air sin air feadh Alba, agus cuideigin à Sasainn cuideachd.

"Tha mi a' smaointinn gun toir a' choinneamh dhuinn comhairle dè th' againn ri dhèanamh a-niste, agus bheir e dh'fhaoidte taic dha na daoine anns na h-Eileanan gu bheil daoine a' feuchainn ri rudeigin a dhèanamh, agus gu bheil iad a' gabhail stiùir o na daoine aig a bheil fios," thuirt i.

Tha a' cho-labhairt mar-thà làn, ach faodaidh duine sam bith a tha ag iarraidh barrachd fiosrachaidh sin iarraidh bho Roinn na Slàinte Poblaich aig NHS nan Eilean Siar.