Farpais a' cur maill air plèanaichean ùra

  • 26 An t-Iuchar 2017
Plèana
Image caption Bha Flybe agus Loganair roimhe ag obair ann an compàirteachas air slighean eileanach, ach cha bhi bho seo a-mach.

Thuirt ceannard Loganair gum bi dàil ann am planaichean na companaidh na plèanaichean aca ùrachadh ri linn na farpais a bhios eadar iad agus Flybe air seirbheisean gu na h-eileanan.

Bho thoiseach na Sultain bidh an dà chompanaidh, a bha roimhe ann am compàirteachas, a' ruith sheirbheisean fa leth.

Thuirt Ionatan Hinkles gun robh iad deònach bruidhinn ri Flybe mu làimhseachadh bhagaichean agus mu a bhith a' leigeil le luchd-siubhail tiocaidean air Loganair agus Flybe a cheannach còmhla, ach nach robh Flybe airson a dhol an sàs ann an còmhraidhean mu dheidhinn sin.

"Bha draghannan ann gu h-àraid mu làimhseachadh bhagannan aig Port-Adhair Steòrnabhaigh, agus tha mi a' dol a sgrìobhadh chun a' Mhinisteir mu dheidhinn sin," thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Uisdean Robasdan.

"Bha draghannan làidir air an togail mu dheidhinn sin, nach eil siostam na àite aig an ìre seo airson sin a chur air dòigh nuair a thòisicheas na seirbheisean a bharrachd ann an sia seachdainnean," thuirt e.