Capaill-choille air crìonadh

  • 26 An t-Iuchar 2017
Capall-coille Image copyright Getty Images

Thuit àireamh nan capall-coille an Alba a-rithist, a' daingneachadh inbhe mar aon de na h-eòin as teirce san dùthaich.

Fhuair rannsachadh a rinn RSPB na h-Alba gun robh dìreach còrr air 1,100 dhiubh air fhàgail, agus gun robh a' chuid as motha dhiubh ann an sgìre Shrath Spè.

'S e an capall-coille a' chearc-fhraoich as motha san t-saoghal, agus e ann an cunnart a dhol à bith.

Tha 83% den fheadhainn a tha air fhàgail ri lorg ann an coilltean-giùthais Srath Spè.

Thathas gan cunntadh a h-uile sia bliadhna, agus fhuair an sgrùdadh às ùire gun robh an àireamh a th' ann dhiubh air tuiteam 171 bho 2009.

Tha àireamhan nan eun air a bhith a' crìonadh bho na 1970an, agus thathas a' cur phròiseactan glèidhteachais air dòigh ann an oidhirp àrdachadh a thoirt air na th' ann dhiubh.

Thathas ag ràdh gur e mar a tha an aimsir a' toirt droch bhuaidh air briodadh fear de na h-adhbharan a th' air cùlaibh an ìsleachaidh.