Derick Moireach, 1943-2017

  • 26 An t-Iuchar 2017
Derick Moireach Image copyright Harris Tweed Authority
Image caption Derick Moireach aig dinnear shònraichte ann an Inbhir Nis 'son riochdairean ghnìomhachais a' Chlo Hearaich ann an 1984.

Bhàsaich am fear-gnothaich Derick Moireach à Leòdhas.

Bha e an sàs ann an grunn ghnìomhachasan anns na h-Eileanan, ach b' ann ann an gnìomhachas a' Chlò Mhòir a rinn e ainm.

Rugadh Derick Moireach ann an 1943 ann an Siabost, an ath dhoras ris a' mhuillinn a thug beò-shlaint' dha fad iomadh bliadhna.

Bha obair na cloimhe san teaghlach, agus b' e seanair Mhgr Mhoirich air taobh a mhàthar, Coinneach MacLeòid, a stèidhich muillinn den aon ainm bho chionn ceud bliadhna neo mar sin ann an Steornabhagh.

Aig aois 18 lean Derick athair a-steach dhan ghnìomhachas.

Ach nuair a bhàsaich athair gu h-obann ann an 1966 ghabh e thairis a' chompanaidh aig aois 23.

Chunnaic e gach car ann an sgeulachd a' Chlò Mhòir, gach cothrom is crìonadh, agus e aig aon àm os cionn 95% den ghnìomhachas - muilleann a sheanar nam measg - gus an do chuir e a chùl ris a' ghnìomhachas ann an 2006.

Bha e cuideachd os cionn companaidh bathair, MacAskill Haulage 'son ùine.

Bhàsaich e aig aois 74.