Dragh air iasgairean mu chidhe Ùige

  • 25 An t-Iuchar 2017
Cidhe Ùige Image copyright Geograph/Richard Webb

Tha iasgairean ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich am measg na tha a' gearain nach eil Comhairle na Gàidhealtachd neo CMAL a' bruidhinn riutha mus tòisich leasachadh air cidhe Ùige airson a' bhàt'-aiseig ùir.

Chuala coinneamh phoblach, a chum Urras Coimhearsnachd Ùige oidhche Luain, gu bheil dragh air iasgirean a tha a' cleachdadh a' chidhe mu bhuaidh a' phròiseict orra-san.

Tha CMAL a' cumail sreath eile de choinneamhan poblach, agus taisbeanadh air na planaichean ann an Ùige, Loch na Madadh agus air an Tairbeart tràth san t-Sultain.

Am measg nam planaichean airson a' chidhe tha a bhith a' sgrìobadh bonn na mara airson barrachd àite a dhèanamh dha bàt-aiseig nas motha.

Thathas cuideachd airson cur ri grunnd na mara ann an àite eile airson barrachd rùim a dhèanamh air tìr.

Doimhneachd

Tha muinntir an àite, gu h-àraid na h-iasgairean, airson a bhith cinnteach gun tèid èisteachd ris an dragh a th' orra-san.

Bidh Teàrlach Mac a' Phearsain agus a cheathrar mhac ag iasgach a-mach à Ùige, agus tha e ag ràdh gu bheil tòrr obair ri dhèanamh air a' chidhe.

Dh'iarradh esan cidhe a tha sàbhailte agus far a bheil doimhneachd, gu h-àraid leis mar a tha na bàtaichean a tha ga chleachdadh a' fàs nas motha.

"Tha mi fhìn ag obair air bàta a-nis, tha i 50 troigh. Tha caraid agam, tha e a' togail bàta a tha deich troigh nas motha na sin agus tha esan ag iarraidh tighinn a-staigh cuideachd," thuirt e.

Dòchas

Bha Mgr Mac a' Phearsain aig a' choinneimh oidhche Luain ach chan eil a' faireachdainn gu bheil CMAL neo Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith ag èisteachd riutha.

"Bha coinneamh a-staigh an seo bho chionn dà mhìos air ais agus bha iad a' dol a chumail litirchean air ais 's air adhart, 's cha d' fhuair sinne guth gu a-nochd," thuirt e.

A dh'aindeoin an dragh a th' air Mgr Mac a' Phearsain thuirt e gum biodh cothroman ann do dh'iasgairean an cois an leasachaidh.

"Bidh cothromanan ann cuideachd do ghnothachasan beaga. Tha gu leòr 'scope' ann airson a h-uile duine", thuirt e.

Thuirt CMAL gun deach sreath choinneamhan a chumail sa Ghiblean - tè an Ùige, tè air an Tairbeart agu tè an Loch nam Madadh - uile a' sireadh bheachdan dhaoine mu phlanaichean CMAL agus Comhairle na Gàidhealtachd airson nan cidhichean, le sreath eile den aon sheòrsa gu bhith ann aig toiseach na Sultaine.

Thuirt i cuideachd, ge-ta, gu bheil suidheachadh ionmhais na comhairle a' ciallachadh gu bheil e eu-coltach gun tèid aig an ùghdaras air a h-uile càil a tha a choimhearsnachd ag iarraidh a chur an sàs.

Tha fiosrachadh mun deidhinn ri fhaighinn air làrach-lìn CMAL.