Luchd-obrach gan sireadh an Caol Acainn

  • 25 An t-Iuchar 2017
Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Tha iomairt a' dol san Eilean Sgitheanach an-dràsta airson cosnaidhean a thoirt do chòrr agus 50 duine aig factaraidh ùr bhiadh èisg.

Tha Marine Harvest a' togail factaraidh, a chosgas mu £80m, aig cuairidh ann an Caol Acainn.

'S ann aig toiseach na bliadhna a thug Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad do Mharine Harvest airson factaraidh bhiadh èisg ùr a thogail air làrach dìreach ri taobh Drochaid an Eilein.

Chaidh cead a thoirt seachad airson grunn thogalaichean gnìomhachais, tancaichean-stòraidh agus similear a bhios 60 meatair de dh'àirde.

Thèid am biadh èisg a chleachdadh airson tuathanasan na companaidh an Alba, Èirinn, Nirribhidh agus anns na h-Eileanan Fàrach.

Thuirt a' chompanaidh gum biodh 55 cosnadh làn-ùine ann, a thuilleadh air obraichean a bharrachd fhad 's a bhiodh an fhactaraidh ga togail.

Thathas a-nis a' feuchainn ri daoine a lorg airson nan cosnaidhean ùra seo.

Tha dùil gum bi an obair-togail deiseil as t-Foghar 2018.