Còig croitean le croitearan ùra

  • 25 An t-Iuchar 2017
Coimisean na Croitearachd

Dh'ainmich Coimisean na Croitearachd còignear a th' air croitean fhaighinn as ùr bho chionn ghoirid - tha ceathrar dhiubh sin anns na h-Eileanan an Iar agus aonan ann an Toirbheartan.

Chaidh na croitean a thoirt bhon fheadhainn aig an robh iad seach nach robh iad a' fuireach faisg air làimh.

Tha còig chroitean eile a bhios rim faotainn a dh'aithghearr cuideachd agus tha an Coimisean a' bruidhinn ris an fheadhainn aig a bheil iad an-dràsta.

"Tha bliadhna no dhà a-nise bho thachair seo, (gun deach na croitean a thoirt bho na daoine) thuirt Comiseanair nan Eilean siar, Iain MacÌomhair.

"Tha sinn toilichte anns a' chiad àite gun robh iarrtas gu math falain ann, agus gun robh farpais ann airson nan croitean.

"Tha sinn an dòchas, an fheadhainn a shoirbhich, gun dèan iad feum chan e a-mhàin den chroit, ach dhan choimhearsnachd sa bheil iad gu bhith a' fuireach.

"Bha farpais ann airson a h-uile h-aon a chaidh a dhèanamh gu ruige seo, agus anns a' chumantas 's e daoine òga a bha a' fuireach anns an àite, a bha miannach air croit fhaighinn, agus aig an robh teaghlaichean òga cuideachd.

"Agus bha iad a' faicinn, chan e a-mhàin gun robh ùidh aca, ach gun robh iad ag iarraidh a bhith nam pàirt den choimhearsnachd," thuirt e.