Tuilleadh rannsachaidh ghartain a dhìth

  • 25 An t-Iuchar 2017
Gartan

Tha Stòras Uibhist am measg na tha den bheachd gum bu chòir tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh mu ghartain agus tinneas Lyme ann an Uibhist.

Fhuair sgrùdadh neo-fhoirmeil a rinneadh thar bliadhna air fearann a tha le Stòras Uibhist, gun robh gartain mu 80 turas nas pailte air talamh far a bheil fèidh agus caoraich, an taca ri fearann far nach eil iad ri fhaighinn.

Tha fada a bharrachd dhaoine ann an Uibhist air tinneas Lyme a thogail bho na gartain na ann an sgìre sam bith eile de na h-Eileanan an Iar.

Thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil, gu bheil feum air rannsachadh farsaing.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gur e aon bhuidhinn a bu chòir a bhith ga dhèanamh," thuirt e.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhan a h-uile buidheann - am bòrd slàinte, a' Chomhairle, Stòras Uibhist, duine sam bith aig a bheil ùidh ann, bu chòir dhaibh tighinn còmhla.

"Agus ge b' e dè an t-ionmhas, no ge b' e dè a tha iad ag iarraidh airson tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air an t-suidheachadh a th' ann an Uibhist, bu chòir dhuinn sin a dhèanamh.

"Agus tha sinne mar eisimpleir, Stòras, deònach - agus ro dheònach - sin a dhèanamh aig an ìre a tha seo," thuirt e.