Ionad Cùraim Roghnaichte do dh'Inbhir Nis?

  • 25 An t-Iuchar 2017
Làrach UHI Inbhir Nis Image copyright Valenta/Geograph
Image caption 'S ann aig làrach Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a dheadh an t-ionad a thogail.

Thèid iarraidh air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd taic, ann am prionnsabal, a thoirt dha na planaichean airson Ionad Cùraim Roghnaichte, far am bi seirbheisean orthopaedic ri fhaotainn, a thogail.

Thèid innse do bhuill cuideachd ge-tà, gu bheil cosgais a' phròiseict air èirigh faisg air a dhà uimhir.

Tha am bòrd slàinte ag ràdh gum bi iarrtas mòr ann airson obair-lannsa sùla, glùine agus chruachan anns na bliadhnaichean a tha romhainn agus daoine beò nas fhaide.

Cuiridh sin strèin mòr air na seirbheisean aig Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis, a rèir a' bhùird.

Mar sin tha Ceannard Thoglaichean na seirbheis slàinte, Eric Green, a' moladh ionad ùr a thogail.

Bhiodh an t-ionad stèidhichte aig làrach Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI).

'S ann airson euslainteach às na h-Eileanan an Iar, a' Ghàidhealtachd agus Moireibh a bhiodh e.

Le ionad ùr-nodha, tha Mgr Green den bheachd gum bi e nas fhasa dhan t-seirbheis shlàinte luchd-obrach fhastadh dhan sgìre agus gun tig piseach air an t-seirbheis ri linn a' ghoireis ùir.

Chosgadh e £27m.

Ach o chionn dà bhliadhna chaidh innse dhan bhòrd gun cosgadh e £16m.

Aig coinneimh den bhòrd shlàinte Dimàirt, thèid iarraidh air builll taic a thoirt dhan phròiseact.