Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bun phrìs

Tha Comunn Uisge Beatha na h-Alba a' dol dhan Phrìomh Chùirt ann an Lunnain an-diugh le ath-thagradh an aghaidh plana Riaghaltas na h-Alba airson bun phrìs air deoch làidir. Tha an Riaghaltas den bheachd nam biodh deoch làidir nas daoire nach biodh uimhir de thrioblaidean dibhe ann. Tha Comunn an Uisge Bheatha ag ràdh gun cuireadh sin casg air malairt 's gu bheil e an aghaidh lagh an Aonaidh Eòrpaich.

Bàs caileige

Tha poilis a' rannsachadh bàs nighinn, ochd bliadhna de dh'aois, air an do thuit logaichean ann an coille ann an Earra Ghaidheal. Chaidh nighean eile, dusan bliadhna de dh'aois, a thoirt dhan ospadal san Oban an deidh an tachartais faisg air Meudarloch feasgar an-dè. Chaidh a' chùis a thoirt gu aire Buidheann na Slàinte agus Sàbhailteachd.

Corrie McKeague

Thèid iarraidh air poilis ann an Suffolk cumail orra le rannsachadh airson fear à Fiobha a bha stèidhte aig Feachd an Adhair sa sgìre. Chaidh Corrie McKeague, 23, a Dùn Phàrlain, a dhìth ann am Bury St Edmunds san t-Sultain an-uiridh. Thuirt na poilis Dihaoine gu bheil iad air sguir a choimhead air a shon aig flagais faisg air Cambridge, leis nach d'fhuair iad fianais sam bith ann an sin. Coinnichidh a mhàthair, Nicola Urchardan, ris na poilis an-diugh a dh'iarraidh orra an rannsachadh a chumail a' dol.

Kabul

Thuirt na Taliban gur iad a rinn spreadhadh bom fèin-mharbhtach ann an sgìre Shia ann am prìomh bhaile Afghanistan, Kabul. Chaill ceithir duine fichead co-dhiù am beatha agus chaidh corr 's dà fhichead a ghoirteachadh.

Dealan

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' foillseachadh atharrachadh ann am margaidh an dealain a dh'fhaodadh, air a' cheann thall, suas ri dà fhichead billean not a chùmhnadh do luchd-cleachdaidh a h-uile bliadhna. Thèid na riaghailtean atharrachadh gus am bi e nas fhasa do dhaoine aig am bheil panalan-grèine air an dachaigh, dealain a ghlèidheadh ann am batteries, 'son a reic ris a' ghriod nàiseanta.

Srath Spè

Tha Ramalairean na h-Alba ag iarraidh trì geataichean electronaigeach air Oighreachd Chinn Rara fhosgladh. Tha iad a' gearain gu bheil na geatachan glaiste a' cur stad air luchd-coiseachd agus baighseagail agus daoine air eich bho faighinn gu Slighe Srath Spè. Tha Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, aig a bheil cumhachd fon lagh toirt air an oighreachd na geataichean fhosgladh, a' rannsachadh na cùis.