Neach-coiseachd leòinte ag èaladh 'son ùine mhòir

  • 24 An t-Iuchar 2017
Frìth Fisherfield Image copyright Adam Ward
Image caption Thuirt Sgioba Teasairginn Dhùn Dòmhnaill gur e Frìth Fisherfield tè de na sgìrean as iomallaiche anns an rìoghachd aonaichte.

Chaidh cobhair a dhèanamh air neach-coiseachd ann an tè de na sgìrean as iomallaiche anns an dùthaich.

Theab am boireannach tuiteam agus ghoirtich i a h-adhbrann, ga fàgail ag èaladh 'son uairean de thìde.

Bha am boireannach agus a leannan a' feuchainn ris na còig beanntan Rothach a shreap ann am Frìth Fisherfield faisg air Dùn Dòmhnaill.

Thuirt Sgioba Teasairginn Dhùn Dòmhnaill, às dèidh dhi "èaladh 'son ùine mhòir", chuir an dithis an oidhche seachad air a' bheinn.

Chaidh am boireannach a thogail le heileacoptair nam Maor-Cladaidh Disathairne, mu 20 uair de thìde às dèidh dhi tuisleadh.

Bha an dithis, a tha anns na 20an, air tòiseachadh air an t-slighe Dihaoine, 's iad ag amas air na còig Rothaich air a bheil 'Am Fàsach Mòr'.

Thuirt fear-labhairt 'son an sgioba teasairginn gun robh am boireannach air a h-adhbhrann a ghoirteachadh mu 3:00f. Dihaoine.

Iomairt Heileacoptair

Bha i air a bhith ag èaladh 'son grunn uairean de thìde mus do cho-dhùin iad cadal fhaighinn a-muigh air a' bheinn.

Cha b' urrainn dhaibh siognail fhaighinn air na fònaichean làimhe aca, agus mar sin choisich am fireannach 'son còig uairean de thìde tràth madainn Disathairne 'son fios a chur air na seirbheisean èiginneach.

Thog heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh am boireannach mu 10:00m. Disathairne agus chaidh a toirt gu ospadal an Ràthaig Mhòir.

Bha 15 buill de Sgioba Teasairginn Dhùn Dòmhnall cuideachd an sàs anns an iomairt.

Agus thill buill bhon sgioba gu bothan an t-Seanna-Bhaile 'son an stuth campachaidh aig an dithis a thogail.

Thuirt ceannard an sgioba, Dòmhnall MacRath: "Rinn an dithis an rud ceart agus bha iad air an uidheamachadh mar bu chòir.

"Bha sinn gu math taingeil airson taic fhaighinn bhon heileacoptair air neo bhiodh e air còrr is 10 uairean a thìde a thoirt am boireannach a ghiùlain air sreadsair leis cho iomallach 's a tha an sgìre."