Barrachd luchd-siubhail adhair aig tuath

  • 24 An t-Iuchar 2017
Port-Adhair Bharraigh Image copyright Stuart Nicol

Chaidh 13.3% a bharrachd de luchd-siubhail tro phuirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean eadar an Giblean 's an t-Ògmhios am-bliadhna, an taca ris an aon àm an-uiridh.

Thuirt a' chompanaidh a tha a' ruith nam port-adhair, HIAL, gun do làimhsich iad 477,612 neach-siubhail san ùine sin - 55,934 a bharrachd na san aon chairteal de 2016.

Am measg nam port-adhair as soirbheachaile den 11 a tha iad a' ruith, bha Inbhir Nis, Barraigh agus Ìle.

Bidh a' chompanaidh cuideachd a' ruith Phort-Ddhair Dhùn Dè ge-tà, far am facas 2,690 nas lugha de luchd-siubhail.

Tha HIAL a' coireachadh mar a sguir a' chompanaidh adhair Flybe seirbheis eadar Dùn Dè agus Amsterdam san Dùbhlachd 2016.

Chunnacas lùghdachadh cuideachd aig Port-Adhair Inbhir Ùige Thaigh Iain Ghròt, agus iarrtas air tuiteam air seirbheisean raoin a' chumhachd eadar am port-adhair agus Obar Dheathain.

Bidh HIAL a' ruith phort-adhair air Ghàidhealtachd, sna h-Eileanan Siar, an Arcaibh, Sealtainn, Earra-Ghàidheal agus Dùn Dè.