Slighe Srath Spè glaiste

  • 24 An t-Iuchar 2017
Oighreachd Chinn an Rath Rèidh Image copyright Dorothy Carse/Geograph

Tha buaireadh a' cuairteachadh oighreachd air Ghàidhealtachd, is luchd-coiseachd air an glasadh a-mach bho cheum-coise ainmeil faisg air an Aghaidh Mhòir.

Tha geatachan glaiste air nochdadh air Oighreachd Chinn an Rath Rèidh, a' cur bacadh air a' phoball bho a bhith a' dol air Slighe Srath Spé, a tha gle chudromach do dh'eaconamaidh na sgìre.

Tha Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn (2003) a' toirt cead do luchd-coiseachd ann an Alba a dhol cha mhòr far an togar iad, agus chan fhaod uachdarain an cumail a-mach mura dèan iad call.

Ach tha na geataichean a chuireadh an-àirde aig Ceann an Rath Rèidh a' dol an aghaidh a' phrionnsabail sin.

Tha a-nise Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air a dhol an sàs sa chùis, agus cumhachd acasan na gèataichean a thoirt a-nuas, agus cosgaisean na h-obrach a chur air an oighreachd.

Ach thathas an dùil gun tèid iad an sàs ann an conaltradh an toiseach airson dealbh mionaideach fhaighinn mun t-suidheachadh.

B' fheudar don Ùghdarras òrdugh laghail a thoirt a-mach an aghaidh na h-oighreachd airson Slighe Srath Spè a leudachadh gu Baile Ùr an t-Slèibh.

Thathas a' feitheamh air brath bhon oighreachd.