Nighean a bhàsaich ga h-ainmeachadh

  • 24 An t-Iuchar 2017
Kayla Dhòmhnallach Image copyright Police Scotland
Image caption Bhàsaich Kayla Dhòmhnallach aig làrach na tubaiste

Dh'ainmich na Poilis nighean ochd bliadhna de dh'aois a bhàsaich às dèidh dhi a bhith air a glacadh fo logaichean ann an Earra-Ghàidheal.

B' i Kayla Dhòmhnallach a bha na sgoilear ann an aonad Gàidhlig Achadh na Creige anns an Òban.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu coille ann am Meudarloch, faisg air an Òban aig 14:40f Didòmhnaich.

Dh'fheuch luchd-obrach carbad-eiridinn ri cobhair a dhèanamh air Kayla, ach bhàsaich i aig an làraich.

Chaidh cuideachd nighean 12 bliadhna de dh'aois a ghoirteachadh.

Chaidh a toirt dhan ospadal anns an Òban mus deach a gluasad gu Ospadal na Cloinne ann an Glaschu.

Tha dùil gu bheil i ann an stait seasmhach.

Thuirt na Poilis gu bheil sgrùdadh ga dhèanamh air ciamar a thachair an tubaist.

Thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin, agus chaidh fios a chur gu Buidheann-Ghnìomha na Slàinte 's na Sàbhailteachd.