The Pigeon Detectives aig Loopallu

  • 21 An t-Iuchar 2017
Soidhne Loopallu
Image caption Bidh an fhèis a' gabhail àite aig deireadh na Sultaine

Bidh an còmhlan Tha Pigeon Detectives à Leeds a-measg na bhios a' cluich aig an fhèis-chiùil Loopallu ann an Ulapul am bliadhna.

'S e seo an 13mh bliadha den fhèis, a ghabhas àite aig deireadh na Sultaine.

'S ann aig cidhe Ulapuil a bhios fèis na bliadhna-sa, leis nach robh an làrach far as àbhaist dhith a bhith ri fhaotainn.

Tha sin a' fàgail nach bi raon-campachaidh ann am bliadhna, agus nach bi uiread de thiceardan ri fhaighinn.

Tha Paolo Nutini, Franz Ferdinand agus Mumford and Sons a-measg na th' air cluich aig an fhèis roimhe.

Tha dùil ri fios a dh'aithghearr cò na còmhlain eile a' nochdas am bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile