Luaidh air Dòmhnall MacIlleathain

  • 21 An t-Iuchar 2017
Domhnall MacIlleathain Image copyright CNES

Tha Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, air luaidh a dhèanamh air Dòmhnall MacIlleathain, a bha roimhe na chomhairliche airson Uibhist a Tuath.

Bhàsaich Mgr MacIlleathain aig aois 85.

Bha e na bhall den Chomhairle fad 13 bliadhna, suas gu 2007.

Bha e na chathraiche air Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich, agus na bhall de Bhùird nam Poilis agus na Seirbheis Smàlaidh.

Mus deach e na chomhairliche bha e na oifigear poilis 's e a' ruighinn ìre Superintendent.

Thuirt Tormod Dòmhnallach gu robh Mgr MacIlleathain na riochdaire fìor làidir dha Uibhist agus dhan na h-Eileanan Siar, a choisinn cliù airson nan sgilean labhairt agus deasbaid aige.

Tha e a' fàgail na mnatha aige Màiri, agus teaghlach de thriùir.