Taic son talamh mòintich a dhìon

  • 21 An t-Iuchar 2017
Talamh mòintich Image copyright Getty Images
Image caption Tha còrr is 20% den fhearann air fad ann an Alba fo talamh mòintich.

Chaidh iarraidh air croitearan, tuathanaich is oighreachdan tagradh a chur a-steach son taic-airgid gus talamh mointich a dhìon.

Tha a' bhuidheann ghlèidhteachais, Dualachad Nàdair na h-Alba an urra ris an sgeama am tha luach £8m.

Chan eil ach trì mìosan air fhàgail son tagradh a dhèanamh ge-tà.

Tha còrr is 20% den fhearann air fad ann an Alba fo talamh mòintich.

Tha t-seòrsa talmhainn seo cuideach a' stòradh an t-uabhas charbon.

Prìseil

A-rèir Dualchas Nàdair na h-Alba, tha talamh mòintich 'fallainn' riatanach dhan àrainneachd agus cuideachd dhan uisge a tha sinn ag òl.

Tha SNH air £8m oho Riaghltas na h-Alba airson mòintichean a dhìon agus a leasachadh.

Agus tha iad a' sireadh thagraidhean bho chroitearan, tuathanaich is uachdarain airson an t-airgead sin a chur gu feum.

Thuirt Manaidsear a' Phròiseict, Anndra McBride; "le bhith a' dìon na talmhainn prìseil seo, faodaidh sinn adhartas mòr a dhèanamh 'son amasan dìon na h-àrainneachd a cho-lìonadh.

Feumaidh na h-iarrtasan a bhith a-staigh ro dheireadh an Dàmhair.