Iomairt ìomhaigh Chornwallis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairt ìomhaigh Chornwallis

21 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha sinn eòlach air beachd chuid gum bu chòir iomhaigh-chloiche Diùc Chataibh a thoirt a-nuas, air sgàth an dò-bheart a rinn e air an t-sluagh.

Tha iomairt coltach ris a sin a' dol an-dràsta ann an Alba Nuadh an Canada, iomairt tòrr nas aimhreitiche.

Tha na tùsanaich Mi'kmaq an sin air an casan airson 's gun tèid iomhaigh an t-Seanalair Cornwallis, a stèidhich baile Halifax, a thoirt a-nuas, air sgàth an dochann a rinn e air tùsanaich.