"Ceangal stèidhichte" a dhìth thar na Linne Duibhe

  • 21 An t-Iuchar 2017
Aiseag a' Chorrain Image copyright Roger davies/geograph
Image caption Tha an Comh. Anndra Bacastair ag ràdh gum bu chòir dèiligeadh ri Àrd nam Murchan mar nàdar de dh'eilean.

Tha fear de chomhairlichean Àird nam Murchan ag ràdh gum feumar coimhead ri ceangal stèidhichte a chur thar na Linne Duibhe às dèidh na thachair le aiseag a' Chorrain an t-seachdain seo.

Bhris an t-aiseag Disathairne a chaidh agus chaidh i air na creagan.

Thill i chun na seirbheis Diardaoin às dèidh do dhàibhearan dearbhadh nach deach mòran millidh a dhèanamh oirre.

Thuirt an Comh. Anndra Bacastair gu bheil na thachair an t-seachdain seo, aig àm nuair a bha an t-aiseag eile air falbh airson obair-càraidh, a' dearbhadh gum feumar ceangal stèidhichte, an leithid drochaid, a thogail thar na linne.

Thuirt e gum feum Comhairle na Gàidhealtachd, agus Riaghaltas na h-Alba, aithneachadh gur e seirbheis dheatamach a th' ann an aiseag a' Chorrain, agus gur ann a bu chòir dhaibh a bhith a' dèiligeadh ri Àrd nam Murchan mar nàdar de dh'eilean.

Thuirt e cuideachd ge-tà, leis cho teann 's a tha buidseatan na Comhairle, gum biodh maoineachadh a dhìth cuideachd bho Riaghaltas na h-Alba airson ceangal stèidhichte a thogail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile