Bidh aig tuathanaich ri subsadaidhean "a chosnadh"

  • 21 An t-Iuchar 2017
Crodh bainne Image copyright Thinkstock
Image caption Tha Mgr Gove a' gealltainn crathadh mòr a thoirt air subsadaidhean àiteachais.

Thàinig rabhadh bho Rùnaire na h-Àrainneachd, Mìcheal Gove, Dihaoine gum bi aig tuathanaich Bhreatainn ri na subsadaidhean aca a chosnadh às dèidh Brexit.

Ann an òraid ann an Surrey thuirt Mgr Gove gum feum cùisean atharrachadh nuair a thig Breatainn a-mach às an Aonadh Eòrpach, agus nach bi airgead ga thoirt seachad tuilleadh do dhaoine nach eil e a' cleachdadh an fhearainn aca ann an dòigh chùramach.

Bha e a' mìneachadh a phlanaichean airson "Brexit Uaine" - a bhios a' toirt seachad dhuaisean no maoin airson a bhith a' dìon na h-àrainneachd agus a' cur ri coimhearsnachdan dùthchail.

"Cothrom"

Thuirt e gur e cothrom a th' ann am Brexit, nach tig ach fìor ainneamh, airson siostaman àiteachais agus iasgaich na Rìoghachd Aonaichte ath-leasachadh.

Gheall e cuideachd gum fuirich subsadaidhean aig an aon ìre suas gu 2022.

Tha an SNP ag ràdh gur ann a bu chòir cumhachd air poileasaidhean àiteachais, an iasgaich agus an eaconomaidh dhùthchail a thighinn a dh'Alba nuair a dh'fhàgas Breatainn an EU.