Tuath-gaoithe air Oighreachd Ghabhsainn a' dol gu math

  • 21 An t-Iuchar 2017
Crann-gaoithe Image copyright (C) British Broadcasting Corporation
Image caption Fhuair luchd-earrannan riadh de 5% am-bliadhna.

Tha riadh 5% ga phàigheadh am-bliadhna dhan fheadhainn a chuidich le bhith a' stèidheachadh tuath-gaoithe air Oighreachd Ghabhsainn.

Thuirt a' chompanaidh chumhachd, Urras Energy, gu bheil an tuath-gaoithe aca ann am Baile an Truseil air a bhith nas soirbheachaile na bha iad an dùil bho chuir iad dà chrann eile ris ann an 2015.

'S e riadh de 4.5% a fhuair luchd-earrainnean an-uiridh.

Thuirt fear de stiùirichean na companaidh, Tormod MacThòmais, gur e neart na gaoithe a chuidich iad am-bliadhna.

"Bha a' ghaoth na b' fheàrr na bha dùil againn".

Buannachd dhan choimhearsnachd

Thuirt Mgr MacThòmais gu bheil a' bhuannachd a gheibh a' choimhearsnachd bhon tuath-ghaoithe cuideachd nas motha na bha dùil.

"Tha sinn a' cur a-mach £1,000, £5,000 agus £10,000 agus faodaidh daoine tagradh a dhèanamh airson sin - as bith dè tha iad a' dèanamh anns a' choimhearsnachd - faodaidh iad cur a-steach tagradh agus 's dòcha gum faigh iad airgead airson an cuideachadh airson rudan a tha iad a' dèanamh."

Tha a' chompanaidh cuideachd a' cumail cosnaidh ri naoinear - seachdnar anns an oifis agus dithis a tha an sàs ann an ath-chuairteachadh.

"'S e th' ann an sin ach obraichean nach robh riamh anns a' choimhearsnachd seo roimhe agus tha sin air eadar-dhealachadh mòr a dhèanamh," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile